Surdan

'S e freumh ceàrnagach nach gabh a thoirt sìos gu àireamh raiseanail a th' ann an surd.

Mar eisimpleir, chan e surd a th' ann an \sqrt 4  = 2.

Ach 's e surd a th' ann an \sqrt 5.

Ma chleachdas tu àireamhair, chì thu gu bheil \sqrt 5  = 2.236067977... agus feumaidh sinn am freagairt a chruinneachadh gu beagan ionadan deicheach. Tha seo a' ciallachadh nach eil e cho mionaideach.

Ma thèid fhàgail mar \sqrt 5, chan eil am freagairt air a chruinneachadh agus tha sin ga chumail mionaideach.

Seo beagan riaghailtean coitcheann airson a bhith a' sìmpleachadh abairtean sa bheil surdan.

\sqrt a  \times \sqrt a  = a

\sqrt {ab}  = \sqrt a  \times \sqrt b

\sqrt {\frac{a}{b}} = \frac{{\sqrt a }}{{\sqrt b }}

Cleachd a-nis am fiosrachadh gu h-àrd agus feuch na ceistean gu h-ìosal.

Question

Sìmplich \sqrt {12}

= \sqrt {4 \times 3}

= \sqrt 4  \times \sqrt 3

= 2\sqrt 3

Question

Sìmplich \sqrt {48}

= \sqrt {16} \times \sqrt 3

= 4\sqrt3

Question

Sìmplich \sqrt {\frac{{16}}{9}}

= \frac{{\sqrt {16} }}{{\sqrt 9 }}

= \frac{4}{3}

Question

Sìmplich \sqrt 8  + \sqrt {18}  + \sqrt {50}

= \sqrt4 \sqrt 2  + \sqrt9 \sqrt 2  + \sqrt25 \sqrt 2

= 2\sqrt 2  + 3\sqrt 2  + 5\sqrt 2

= 10\sqrt 2