Ag obrachadh taobh a-staigh buidseat

Aig an taigh, san obair agus san sgoil, tha e glè chudromach obrachadh taobh a-staigh buidseat.

'S e buidseatadh nuair a nì thu liosta de theachd-a-steach agus de chosgaisean thar ùine no airson tachartas sònraichte.

Nuair a bhios tu air an liosta a dhèanamh, thèid agad air co-dhùnadh a dhèanamh mu airgead a thig a-steach no a choisinneas tu, agus na chosgas tu a rèir a' bhuidseat seo.

A' planadh airson tachartas

Nuair a bhios buidseat agad, faodaidh tu a chleachdadh airson cosgaisean a thaobh tachartasan sònraichte a phlanadh.

Nuair a bhios tu a' dol air saor-làithean, no a' sàbhaladh airson tachartas sònraichte, tha plana sàbhalaidh uabhasach feumail.

Eisimpleir a h-aon

An-uiridh chaidh an teaghlach Watters dhan Spàinn airson dà sheachdain.

Chosg am plèana agus rumannan san taigh-òsta \pounds2500. Dh'obraich a' Bh-uas Watters a-mach na cosgaisean airson biadh agus cuairtean agus bha sin \pounds900 airson dà sheachdain. Chuir àrachas, tagsaidhean bhon phort-adhair agus air ais agus càr air mhàl \pounds430 eile ri cosgais nan saor-làithean.

Tha an teaghlach airson a dhol air ais am-bliadhna agus tha iad airson sùimean co-ionann a shàbhaladh thar an ath dheich mìosan airson pàigheadh airson nan saor-làithean.

Question

A rèir na chosg na saor-làithean an-uiridh, dè dh'fheumadh an teaghlach a shàbhaladh gach mìos?

Cosgais gu lèir = plèan agus taigh-òsta + cosgaisean bìdh agus chuairtean + cosgaisean eile

Cosgais gu lèir = \pounds2500 + \pounds900 + \pounds430

Cosgais gu lèir = \pounds3830

Feumaidh na Watters £3830 a shàbhaladh thar deich mìosan.

Sùim mhìosail ri shàbhaladh = \pounds3830 \div 10 = \pounds383

Eisimpleir a dhà

Fhuair a' Bh-uas Watters a-mach gu bheil cosgais na plèan agus cosgais an taigh'-òsta air a dhol suas 20\% am-bliadhna.

Two glasses of juice showing a 20% increase to represent the annual cost increase of a holiday.

Question

Obraich a-mach dè dh'fheumas an teaghlach a shàbhaladh gach mìos airson pàigheadh airson cosgais ùr nan saor-làithean aca.

Cosgais a bharrachd airson na plèana agus taigh-òsta = 20\% de \pounds2500

20\% de \pounds2500 = \pounds2500 \div 5 = \pounds500

Cosgais ùr airson na plèana agus taigh-òsta = \pounds2500 + \pounds500 = \pounds3000

Cosgais iomlan nan saor-làithean = \pounds3000 + \pounds900 +  \pounds430

Cosgais iomlan = \pounds4330

Feumaidh teaghlach nan Watters \pounds4330 a shàbhaladh thar deich mìosan.

Sùim mhìosail ri shàbhaladh = \pounds4830 \div 10 = \pounds483