Albannaich agus Èireannaich

Sgaradh

Tron 19mh linn thàinig a' mhòr-chuid dhe na h-Èireannaich à Ulaidh. Eadar 1876 agus 1883 thàinig mu 83% de dh'in-imrichean Èireannach à ceann a tuath Èirinn. Bha mu 25% dhiubh sin nam Pròstanaich. Bha cultar gu math eadar-dhealaichte aig an dà eaglais ann an Èirinn agus dh'adhbhraich sin droch rùn agus fòirneart.

Glè thric bha suidheachadh nan in-imrichean Pròstanach à Èirinn eadar-dhealaichte bho shuidheachadh nan Caitligeach à Èirinn. Bha foghlam aig mòran dhiubh agus fhuair iad obair sna gàrraidhean-iarainn. Glè thric bha sloinneadh Albannach orra agus mheasgaich iad gu math sna coimhearsnachdan ann an Alba.

Rìgh Uilleam à Orange
Rìgh Uilleam à Orange

Stèidhich iad an t-Òrdugh Orains. Bha sin a' comharrachadh Rìgh Uilleam à Orange, a bha na Phròstanach, agus a thàinig gu bhith na rìgh air Breatainn an àite an Rìgh Seumas, a bha na Chaitligeach, ann an 1688.

Thòisich am buidheann seo ann an Èirinn agus dh'fhosgail meuran air feadh Alba. Ghabh Albannaich Phròstanach ballrachd ann cuideachd. Bhiodh pairèidean agus coinneamhan air feadh Alba gu cunbhalach.

Bha na h-Èireannaich Phròstanach a' toirt taic do sgiobaidhean ball-coise eadar-dhealaichte bho Chaitligich Èireannach leithid Rangers ann an Glaschu agus Heart of Midlothian ann an Dùn Èideann.

Dh'adhbhraich an diofar eadar na Pròstanaich Èireannach agus na Caitligich Èireannach sgaradh mòr a thàinig glè thric gu fòirneart, gu h-àraidh air taobh an iar Alba. Bha còmhstri mhòr eadar an dà thaobh agus bhiodh sabaid ann gu math tric. Bhiodh Pairèidean Orange glè thric ag adhbhrachadh sabaid air na sràidean. Bhiodh ionnsaigh ga thoirt air caismeachdan airson fèin riaghladh.

Thàinig sgaradh ann an àitichean-obrach le Pròstanaich Èireannach a' diùltadh cosnadh do Chaitligich agus bha an aon rud a' tachairt air an taobh eile. Dh'fhàs sloinneadh duine no an sgoil dhan deach iad uabhasach cudromach. Ma bha iad dhen taobh eile, glè thric dheigheadh obair a dhiùltadh dhaibh.