Albannaich agus Èireannaich

Coimhearsnachdan Èireannach agus an Eaglais Chaitligeach

Nuair a thàinig na h-Èireannaich a dh'Alba, b' e glè bheag dhen Eaglais Chaitligich a bh' air fhàgail air Ghalltachd agus ann am meadhan Alba.

Thòisich na h-Èireannaich a' togail eaglaisean agus bha iad sin aig cridhe nan coimhearsnachdan Èireannach. Bhiodh sagartan a' cuideachadh dhaoine gu bhith a' sgrìobhadh litrichean dhachaigh agus a' lorg àite-fuirich.

Bha an eaglais na h-àite sam faigheadh daoine furtachd nuair a bha iad a' fulang air sgàth àitichean-fuirich uabhasach agus droch chùmhnantan-obrach. Bha an eaglais cuideachd taiceil do dhaoine aig an robh duilgheadasan airgid. Thòisich buidhnean carthannais lethid St Vincent de Paul san eaglais agus bha iad nan cuideachadh mòr do dh'iomadh Èireannach bochd.

Bhiodh cùisean sòisealta cuideachd a' dol air adhart san eaglais – cùisean teaghlaich, dannsaichean agus fèilltean. Bhiodh gnothaichean co-cheangailte ri cultar Èireannach air an comharrachadh cuideachd, lethid Latha Naoimh Phàdraig.

Chuidich an eaglais le bhith ag oideachadh clann Chaitligeach. Bha na sgoiltean sin air leth bho sgoiltean eile ann an Alba agus bha iad a' teagasg bheusan moralta, Caitligeach a bharrachd air cuspairean-sgoile àbhaisteach.

Stèidhich na Caitligich Èireannach sgiobaidhean ball-coise airson airgead a thogail agus airson a' choimhearsnachd a thoirt còmhla leithid Celtic ann an Glaschu, Dundee United ann an Dùn Dèagh agus Hibernian ann an Dùn Èideann.