In-imrich ann an Alba

In-imrich Èireannach

Bha mòran dhe na h-Èireannaich a thàinig a dh'Alba glè bhochd, gun fhoghlam agus gun sgilean. Bha sin a' ciallachadh gum feumadh iad obair sam bith a bha a' dol a ghabhail, agus glè thric bha am pàigheadh bochd.

Bha a' mhòr-chuid air a bhith nan tuathanaich no bha iad air a bhith ag obair air tuathanais. Bha cuid a bha eòlach air fighe agus snìomh agus bha sin feumail ann an cuid dhe na factaraidhean. Bha cuid dhe na h-Èireannaich, gu h-àraidh an fheadhainn bhon cheann a tuath, aig an robh beagan eòlais air obair sna gàrraidhean-iarainn agus gheibheadh iad sin obair-ciùirde.

B' e glè bheag a bh' ann de reachdas no laghan riaghaltais airson daoine a dhìon bho mhodhan-obrach cunnartach no a bheireadh còraichean obrach dhaibh. Mar sin dh'fhaodadh duine obair a chall gu math furasta agus dh'fheumadh e cur suas ri droch phàigheadh.

Dh'fhaodadh boireannaich agus clann cuideachd obair a dhèanamh, gu h-àraidh anns na mèinnean. Ach cha robh sin cho furasta fo Achd nam Mèinnean, agus aig deireadh an 19mh linn bha bacadh air càit am faodadh boireannaich agus clann obrachadh, agus dè cho fada.

Boireannach agus clann ag obair ann am mèinn guail
Boireannach agus clann ag obair ann am mèinn guail

In-imrichean Eadailteach

Rinn mòran dhen chiad in-imrichean Eadailteach beòshlaint bho bhith a' reic shamhlan Caitligeach anns na coimhearsnachdan Caitligeach a bha a' fàs ann an Alba.

Deireadh nan 1800an, bha mòran air tòiseachadh a' reic reòiteagan bho bhara-cuibhle.

Toiseach nan 1900an, bha mòran ag obair ann am bailtean air feadh Alba ann an gnìomhachas a' bhìdh. Stèidhich iad cafaidhean, taighean-bìdh, bùithtean reòiteagan agus bùithtean iasg is sliseagan. Am measg cuid dhe na bùithtean as ainmeile dhiubh sin, tha Nardini's san Leargaidh Ghallta agus ann an Glaschu, agus Valvona agus Crolla ann an Dùn Èideann.

Thòisich mòran Eadailteach cuideachd air gruagaireachd.

In-imrichean Iùdhach

Deireadh nan 1800an, bha mòran in-imrichean Iùdhach ag obair mar òraidichean ann an oilthighean, mar luchd-malairt seudraidh, àirneis agus adan agus iomadh seòrsa bathair eile. Bha mòran Iùdhach cuideachd ag obair air tàillearachd agus ann an gnìomhachas an tombaca.

Dh'fhàs cuid dhiubh meadhanach beairteach. Dh'adhbhraich sin beagan de mhì-rùn dha na h-Iùdhaich. Bhiodh daoine a' cur às an leth gun robh iad a' fo-ghearradh phrìsean agus a' toirt air luchd-obrach uairean fada obrachadh 'nam fallas' air glè bheag de phàigheadh.