Dòigh-beatha

Chaidh taighean a thogail ann an cabhaig sna mòr-bhailtean air sgàth 's na bha de dhaoine gan iarraidh agus glè thric cha robh iad freagarrach airson fuireach annta. B' e teanamantan a bu mhotha a bh' ann an Glaschu agus ann an Dùn Dèagh. Chaidh an togail gu saor, bha iad faisg air a chèile agus cha robh guth air riaghailtean togail no air sàbhailteachd. Bha iad fuaraidh agus fuar, agus bha an-còmhnaidh cunnart ann gun deigheadh iad nan teine.

Bha e bitheanta cus dhaoine a bhith a' fuireach còmhla – uaireannan 's dòcha gum biodh 12 duine san aon taigh. Bha mòran a' fuireach ann an taighean le 'aon cheann' (single ends). Bha daoine a bha beagan na b' fheàrr dheth a' fuireach ann an 'rùm is cidsin'.

Cha robh goireasan nighe no toidhleatan sna teanamantan. Bhiodh iad sin glè thric air an roinn le daoine eile agus ann an togalach air leth.

Glè thric bha daoine a' faighinn uisge bho phìob air an t-sràid agus bha a' phìob air a roinn le daoine eile. Bha galaran a' sgaoileadh air sgàth cion slàintealachd agus cus dhaoine. Bha uisge glè thric air a thruailleadh le salchar agus sgudal. Mar sin bha cholera agus diphtheria bitheanta. Bhiodh galaran a' sgaoileadh glè luath oir bha daoine a' fuireach cho faisg air a chèile agus cha robh èadhar ghlan ann.

Bhiodh òtrach, sin dùn sgudail, air cùl nan taighean. Bha òtraichean a' truailleadh na h-èadhair agus a' tarraing radain.