Ag iomadachadh le àireamh shlàn aon-fhigear

Nuair a bhios tu ag iomadachadh 237 le 4 gun àireamhair, faodaidh tu a sheatadh a-mach mar seo:

Diagram of a multiplication sum.Diagram of a multiplication sum.Diagram of a multiplication sum.
  1. Tòisich le 4\times7, agus sin 28. Mar sin sgrìobh 8 agus thoir-leat 2 do cholbh nan deichean.
  2. 4 \times 3 = 12, ach cuimhnich air na 2 a thug thu leat a chur-ris airson gum faigh thu 14. Sgrìobh 4 agus thoir-leat 1 do cholbh nan ceudan.
  3. 4 \times 2 = 8, agus bidh sinn a' cur-ris an 1 a thug sinn leinn airson 9.

Mar sin 237 \times 4 = 948.

Ag iomadachadh le àireamh shlàn dà-fhigear

Nuair a bhios tu ag iomadachadh 237 le 24 gun àireamhair, faodaidh tu a sheatadh a-mach mar seo:

Diagram of a multiplication sum.Diagram of a multiplication sum.Diagram of a multiplication sum.
  1. Tha an aon dòigh-obrach sa chiad loidhne dhen obrachadh 's a th' agad nuair a bhios tu ag iomadachadh le àireamh aon-fhigear.
  2. Anns an dara loidhne tha sinn ag iomadachadh le 20 (dà dheich). Bhon a tha sinn ag iomadachadh le deichean, 's e daonnan neoni a bhios ann am figear nan aonadan.
  3. Ag obrachadh san aon t-seòrsa dòigh: 2 \times 7 = 14. Cuir 4 ann an colbh nan deichean agus thoir-leat 1 do cholbh nan ceudan.
  4. 2 \times 3 = 6, cuir-ris an 1 a thug thu leat gus 7 fhaotainn agus cuir sin ann an colbh nan ceudan.
  5. 2 \times 2 = 4, cha tug thu leat sìon agus mar sin cuir 4 ann an colbh nam mìltean.
  6. Cuir-ris 948 agus 4740.

Mar sin 237 \times 24 = 5668.