Dòigh bhòtaidh Ball a Bharrachd (AMS)

Taobh a-staigh ionad-bhòtaidh
Daoine a' bhòtadh ann an ionad-bhòtaidh

Bidh BPA air an taghadh le Dòigh bhòtaidh Ball a Bharrachd [Additional Member System (AMS)]. Le AMS bidh luchd-bhòtaidh a' faighinn pàipear-bhòtaidh agus feumaidh iad dà ('X') bhòt a chlàradh.

Tha a' chiad bhòt airson BPA sgìre no roinn-phàrlamaid. Bidh an neach as motha a gheibh de bhòtaichean a' buannachadh bhòt na roinn-phàrlamaid. Tha 73 BPA roinn-phàrlamaid ann.

Le AMS bidh luchd-bhòtaidh cuideachd a' faighinn cothrom (dara bhòt) bhòtadh do phartaidh poilitigeach. Nuair a bhios na bhòtaichean uile air an cunntadh, agus BPA air an taghadh, bidh an dara bhòt ga cleachdadh airson an riochdachadh san fharsaingeachd a dhèanamh cothromach do gach partaidh poilitigeach.

Ciamar a bhios an dara bhòt ag obrachadh?

Nuair a bhios na bhòtaichean gu lèir airson na roinn-phàrlamaid air an cunntadh, bidh na h-ochd sgìrean pàrlamaid ann an Alba a' faighinn BPA a bharrachd airson gum bi an toradh nas cothromaiche do gach partaidh.

Mar eisimpleir ann an 2011, fhuair am Partaidh Tòraidheach dà BPA (no ball liosta) ann an Ear-thuath na h-Alba oir cha d' fhuair iad BPA ann an gin de na roinnean-pàrlamaid. Tha sin a' ciallachadh gu bheil luchd-bhòtaidh Tòraidheach air an riochdachadh ann an dòigh nas cothromaiche a rèir 's na taic phoilitigich a th' aca ann an Ear-thuath Alba.

Tha 56 BPA sgìreil a bharrachd ann (7 gach sgìre). Nuair a chuireas tu sin ri 73 BPA nan roinnean-pàrlamaid, tha 129 BPA ann gu lèir.

An ceangal eadar roinn-phàrlamaid roinneil agus ionadail ann an Alba

Buannachdan de Bhall a Bharrachd

  • Tha barrachd roghainn aig luchd-bhòtaidh nuair a thèid iad a bhòtadh.
  • Tha an toradh san fharsaingeachd nas cothromaiche dha na partaidhean gu lèir.

Eas-bhuannachdan de Bhall a Bharrachd

  • Chan eil na taghaidhean cho sìmplidh le dà bhòt agus tagraichean rin taghadh bhon liosta sgìreil.
  • Tha e doirbh do chuid de luchd-bhòtaidh tuigsinn carson a tha grunn BPA a' riochdachadh gach neach-bhòtaidh.