Neo-ionannachd a thaobh teachd-a-steach

Graf a’ sealltainn an t-earrann den teachd-a-steach aig an àireamh-sluaigh anns a' chiadOECD, 2011 agus An Guardian, 2011

Tha neo-ionannachd a thaobh teachd-a-steach glè chumanta anns an Rìoghachd Aonaichte.

Ann an Alba, chan eil an 30% aig a' bhonn a' cosnadh ach 14% de theachd-a-steach na dùthcha. Air an làimh eile, tha an 30% as beairtiche a' faighinn còrr agus leth. Tha teaghlaichean a tha anns na trì roinnean-cosnaidh as ìsle a' cosnadh timcheall air £220 san t-seachdain. Tha an fheadhainn anns na trì roinnean-cosnaidh as àirde a' cosnadh mu £630 san t-seachdain.

Tha e cudromach a thuigsinn nach eil aon mhìneachadh shònraichte ann airson 'bochdainn' no 'dìth'. Tha na daoine a tha a' fuireach ann an dùthchannan fo leasachadh ann am fìor bhochdainn no absolute poverty. Ach, anns an RA, tha cuid de dhaoine nach eil cho math dheth ann an comas ri cuid eile ann am bochdainn choimeasach, 's e relative poverty a chanas sinn ris an seo.

Anns an RA, 's e glè bheag de dhaoine a tha ann am bochdainn san aon dòigh 's a tha daoine ann an dùthchannan fo leasachadh.

Tha cuid de bhuidhnean ag ràdh gu bheil cuideigin ann am bochdainn choimeasach relative poverty nuair a tha an teaghlach aca a' cosnadh nas lugha na 60% dhen teachd-a-steach ghnàthach.

Ann an 2013, a rèir a' charthannais bochdainn an Joseph Rowentree Foundation, feumaidh teaghlach le dithis inbheach agus dithis chloinne teachd-a-steach de £31,800 mur a h-eil iad gu bhith ann am bochdainn.

Taighean falamh le sgudal air a chaitheamh air falbh
Taighean falamh le sgudal air a chaitheamh air falbh