Poileas na h-Alba

Prìomh dhleastanasan nam poileas sa choimhearsnachd

Thàinig Seirbheis Poileas na h-Alba (Poileas na h-Alba) gu bith air 1 Giblean 2013. 'S e aon fheachd phoileis nàiseanta a th' ann a-nis, an àite nan ochd feachdan a bh' anns an dùthaich roimhe. Bha Riaghaltas na h-Alba dhen bheachd gum biodh aon fheachd na b' èifeachdaiche ann a bhith a' dèiligeadh ri eucoir agus na bu shaoire a ruith.

A bharrachd air Poileas na h-Alba, tha grunn fheachdan poileis eile ann an Alba. Nam measg sin tha:

  • Poileas Ministreachd an Dìon [Ministry of Defence (MOD)]. Bidh poileas am MOD a' toirt seirbheis tèarainteachd taobh a-staigh ionadan le Ministreachd an Dìon air feadh na RA, (me ionad nam bàtaichean-aigeil niuclasach ann am Faslane)
  • Poileas Còmhdhail Bhreatainn [British Transport Police (BTP)]. Tha am BTP ag obair air feadh rèile nan trèanaichean san RA
  • Feachd-poileis Catharra Niuclasach [Civil Nuclear Constabulary (CNC)]. Tha an CNC a' dìon stuthan niuclasach ann an ionadan ceadaichte niuclasach san RA agus nuair a tha iad air an gluasad, me a' giùlan sgudal niuclasach à Dùn Rath
  • Buidheann Nàiseanta na h-Eucoir [The National Crime Agency (NCA)]. Bidh an NCA a' dèiligeadh ri eucoir eagraichte air feadh na RA. 'S dòcha gum bi seo a' gabhail a-steach drogaichean Clas A, goid agus trafaigeadh dhaoine, foill, eucoir choimpiutairean agus nighe airgid
  • Buidheann Crìochan na Rìoghachd Aonaichte (United Kingdom Border Agency). Tha Buidheann Crìochan na RA na phàirt de dh'Oifis na Dùthcha agus tha e an urra riutha crìochan na RA a dhìon.

Glaschu, Dùn Èideann, Cille Chuithbeirt, Eilginn, Steòrnabhagh, Baile na h-Eaglaise, Alba, Sasann

Tha daoine a tha na aghaidh ag ràdh gu bheil Poileas na h-Alba ro mhòr agus gun deach ceanglaichean ri coimhearsnachdan ionadail a chall. Tha iad dhen bheachd gu bheil feumalachdan diofraichte airson poileis aig gach diofar sgìre de dh'Alba. Bidh eucoir agus cùisean lagha gu math diofraichte aig bailtean mòra, leithid Glaschu agus Dùn Èideann, seach mar a bhios aig sgìrean leithid Cille Chuithbeirt no Eilginn, Steòrnabhagh no Baile na h-Eaglais. Mar sin, tha cuid dhen bheachd nach eil e comasach do dh'aon feachd phoileas nàiseanta a bhith a' coileanadh feumalachdan gach coimhearsnachd san dùthaich.

'S e prìomh dhleastanas nam poileas a bhith a' dìon choimhearsnachdan. Tha seo a' ciallachadh, cho fad 's a tha comasach, gum bi iad a' cur stad air eucoir. Ach, ma bhios eucoir air a dhèanamh, bidh iad ga rannsachadh agus a' cur an fheadhainn a tha iad an amharas a rinn e an grèim.

Mar sin, 's e obair nam poileas:

  • stad a chur air eucoir
  • eucoirich a ghlacadh
  • sìth a chumail am measg a' phobaill
  • smachd a chumail air trafaig
  • eucoirean a rannsachadh