Smachd nan Nadsaidhean air a’ Ghearmailt

Deuchainn ghoirid bho Nàiseanta 5 Eachdraidh

1

Cò am buidheann a bhiodh a’ cruinneachadh fiosrachadh air muinntir na Gearmailt dhan Phartaidh Nadsaidheach?

2

Ciamar a b’ urrainn dhaibh sùil a chumail air uiread de dhaoine?

3

Dè am buidheann a bha os cionn nan campaichean cruinneachaidh?

4

Dè an cothrom airson propaganda a thàinig ann an 1936?

5

Carson a bha slògain shìmplidh ann am propaganda nan Nadsaidhean?

6

Ciamar a dhèilig na Nadsaidhean ri leabhraichean san robh fiosrachadh an aghaidh nan Nadsaidhean?

7

Carson a bha na Nadsaidhean ag iarraidh smachd air an Eaglais Chaitligich?

8

Dè tha 'untermensch' a’ ciallachadh?

9

Cuin a bha Seachnadh a’ Ghiblein ann?

10

Dè na laghan a chuir stad air pòsadh eadar Gearmailtich agus Iùdhaich?

11

Cuin a bha Kristallnacht ann?

12

Dè dh’fheumadh a bhith air Iùdhaich bho 1939?

13

Carson nach robh mòran Ghearmailteach a’ cur an aghaidh nan Nadsaidhean?

14

Dè an dòigh san deach Niemoller an aghaidh nan Nadsaidhean?

15

Dè am buidheann a chaidh an aghaidh nan Nadsaidhean le dhol a thallachan dannsa?