Cò bha an aghaidh nan Nadsaidhean?

Dùbhlan bhon eaglais

  • Bha cuid de shagairt Chaitligeach an aghaidh Hitler. Ann an 1937, thug am Pàp seachad teachdaireachd air an robh With Burning Concern agus chaidh a leughadh sa h-uile eaglais Chaitligeach. Thuirt e gur e a mad prophet with repulsive arrogance a bh' ann a' Hitler.
  • Chaidh Àrd-easbaig Caitligeach Mhunster os cionn iomairt shoirbheachail airson stad a chur air iutanàsia dhaoine le tinneas inntinn.
  • Stèidhich mòran mhinistearan Pròstanach, fo stiùireadh Martin Niemöller, an Eaglais Aidmheileach agus iad an aghaidh Eaglais Reich Hitler. Chaidh Niemöller a chumail ann an campa cruinneachaidh eadar 1937-1945. Chaidh ministear Pròstanach eile, Dietrich Bonhöffer, a cheangal ri oidhirp air Hitler a mharbhadh agus chaidh a chur gu bàs ann an 1945.

Cion dùbhlan Crìosdaidh

Dùbhlan bho òigridh

Na Meuten

  • Buidhnean de dheugairean bhon obair-chlas agus inbhich òga.
  • Bha iad a' taobhadh ri feallsanachd shòisealach.
  • Bha na Nadsaidhean, agus Òigridh Hitler, tric a' toirt ionnsaigh orra.

Na Swing Kids

  • Gluasad òigridh, a thòisich ann a' Hamburg ann an 1939 agus a sgaoil a Bherlin agus a bhailtean eile sa Ghearmailt.
  • Bha an gluasad a' toirt dùbhlan do Hitler a bha ag ràdh gum feumadh a h-uile deugair Gearmailteach a bhith ann am buidheann òigridh Nadsaidheach.
  • Chaidh iad an aghaidh ìomhaigh nan Nadsaidheach dhen òigridh le bhith a' leigeil lem falt fàs agus le bhith a' cur orra aodach fasanta.
  • Bhiodh iad cuideachd ag èisteachd ri ceòl swing, ceòl a bha na Nadsaidhean a' faicinn mar cheòl Dubh, agus bhiodh iad a' coinneachadh ann an tallachan dannsa dìomhair. Glè thric dh'adhbhraich sin còmhstri ri Òigridh Hitler agus ris na buidhnean tèarainteachd.

An Ròs Geal

  • Air a stèidheachadh le oileanaich ann an Oilthigh Mhunich. Bha iad a' foillseachadh bhileagan a bha an aghaidh nan Nadsaidhean, ach chaidh an lorg agus an cur gu bàs ann an 1943.

Spùinneadairean Edelweiss

  • Bhiodh iad a' peantadh shlògain an aghaidh nan Nadsaidhean, a' dìon luchd-teiche agus a' toirt màlaich air oifigearan Nadsaidheach. Ann an 1944, mharbh Spùinneadairean Chologne Ceannard a' Ghestapo.