An aghaidh nan Nadsaidhean

Bha an Gestapo a' bagairt agus a' maoidheadh a' phrìosain, agus uaireannan am bàs, air daoine a bhruidhneadh an aghaidh Hitler, agus na poileasaidhean aige. Mar sin cha robh mòran an aghaidh Hitler gu follaiseach.

Carson nach robh mòran an aghaidh nan Nadsaidhean?

  • Bha Oidhche nan Sgeinean Fada air cur às cha mhòr do dhùbhlan sam bith an aghaidh Hitler taobh a-staigh a' Phàrtaidh Nadsaidhich.
  • Chaidh a h-uile pàrtaidh poilitigeach eile a chasg san Iuchar 1933.
  • Tro chasg agus propaganda, chuir na Nadsaidhich às do ghuthan nan aghaidh sna meadhanan.
  • Chaidh cur às do dhùbhlan eaconamach oir chaidh aonaidhean ciùird a chasg sa Chèitean 1933.
  • Bha an t-eagal air na Gearmailtich gun deigheadh an cur fo chasaid gur e luchd-brathaidh a bh' annta, gun deigheadh an ceasnachadh leis a' Ghestapo agus gun deigheadh an cur dha na campaichean cruinneachaidh.

A dh'aindeoin sin, bha daoine agus buidhnean an siud 's an seo a bha gu follaiseach an aghaidh Hitler agus na poileasaidhean aige. Chaidh a' mhòr-chuid dhiubh a chur dha na campaichean cruinneachaidh, agus chaidh mòran a mharbhadh.