Geur-leanmhainn nan Iùdhach

Tha na leanas a' sealltainn mar a dhèilig na Nadsaidhean ris na h-Iùdhaich anns na 1930an.

1933

Chaidh na h-Iùdhaich a chur a-mach à obraichean poblach agus à dreuchdan proifeiseanta – chaidh luchd-obrach catharra, luchd-lagha agus tidsearan a chur às an dreuchd. Bha leasain sgoile a' nochdadh beachd gun robh na h-Iùdhaich 'untermensch'.

Seachnadh sa Ghiblean

  • Air 1 Giblean 1933, bha bùithtean agus gnìomhachasan Iùdhach rin seachnadh.
  • Bha oifigearan an SA a' brosnachadh nan Gearmailteach bho bhith a' dol a dh'àitichean obrach nan Iùdhach.
  • Chaidh mòran bhùithtean le Iùdhaich a mhilleadh.

1935 - Laghan Nuremberg

  • Chuir na laghan seo a thoirt a-steach air Ralaidh Nuremberg air 15 Sultain, agus chuir iad às do mhòran chòraichean nan Iùdhach.
  • Bha a' chòir a bhith nan saoranaich Gearmailteach air a dhiùltadh dha na h-Iùdhaich.
  • Bha pòsadh is càirdeas eadar Iùdhaich is Gearmailtich a-nis an aghaidh an lagh.
Clàr airson eachdraidh ghinteil duine obrachadh a-mach an dèidh Laghan Nuremberg
Clàr airson eachdraidh ghinteil duine obrachadh a-mach an dèidh Laghan Nuremberg

1938

  • Bha Iùdhaich air an casg bho bhith nan dotairean.
  • Dh'fheumadh cairt-aithneachaidh a bhith aig Iùdhach le stamp 'J' oirre.
  • Bha foghlam air a dhiùltadh do chlann nan Iùdhach agus bha iad air an casg às na sgoiltean.
  • Bha aig fir Iùdhach ri 'Israel' a chur ris an ainm aca; agus boireannaich Iùdhach 'Sarah'.

Kristallnacht

  • Oidhche 9 Samhain 1938, thugadh ionnsaigh air dachaighean, gnìomhachasan agus sionagogan Iùdhach air feadh na Gearmailt agus na h-Ostair.
  • Chaidh mu 7,500 bùth Iùdhach a mhilleadh no a sgrios. Chaidh 400 sionagog a losgadh gu talamh.
  • Chaidh faisg air 100 Iùdhach a mharbhadh agus chaidh 30,000 a chur a champaichean cruinneachaidh.
Bùth a chaidh a mhilleadh rè Kristallnacht
Bùth a chaidh a mhilleadh rè Kristallnacht

1939

  • Bha Iùdhaich air an casg bho ghnìomhachasan a bhith aca.
  • Chaidh a' chiad ghettothan, sin taigheadas air leth ann am bailtean, le smachd air an t-slighe a-steach is a-mach, a stèidheachadh san Roinn Eòrpa an Ear airson na h-Iùdhaich a sgaradh bho shaoranaich 'àbhaisteach'.

Samhla Reul Dhaibhidh

  • Air 23 Samhain, 1939 chaidh iarraidh air na h-Iùdhaich Reul Dhaibhidh a chur air an aodach aca. Bha iad nas fhasa an aithneachadh mar sin.
Iùdhaich le samhla Reul Dhaibhidh air an aodach aca
Bho 1939, dh'fheumadh samhla Reul Dhaibhidh a bhith air aodach nan Iùdhach

Seach gun robh na Nadsaidhean a' dèanamh geur-leanmhainn air na h-Iùdhaich, bha eagal air daoine eile sa Ghearmailt gun tionndaidheadh iad orrasan. Lùghdaich sin gu mòr an àireamh dhaoine a bha deònach a dhol an aghaidh nan Nadsaidheach gu follaiseach.