Smachd le propaganda agus casg

Joseph Goebbels a' dèanamh òraid ann an 1934
Joseph Goebbels

Bha Josef Goebbels, Ministear a' Phropaganda, ag amas air smachd fhaotainn air eanchainn dhaoine airson 's gum biodh iad umhail dha na Nadsaidhean, agus gum biodh iad ag adhradh do Hitler.

Propaganda

  • Bha smachd aige air na meadhanan agus air na h-ealain, agus bha e a' dèanamh cinnteach gun robh na Gearmailtich air an lìonadh le beachdan nan Nadsaidhean, agus e aig an aon àm a' cur casg air fiosrachadh eile.
  • Bha Ralaidhean Nuremberg gach bliadhna a' glòrachadh cogadh agus armailteachd.
  • Bha e na amas aig Oilimpigs Bherlin ann an 1936 gun sealladh iad sàr lùth-chleasachd a' Phrìomh Chinnidh.

Bha rèidiothan saor rin ceannach, agus bhiodh iad a' craoladh theachdaireachdan agus òraidean bhon Phàrtaidh Nadsaidheach. Bhiodh glaodhairean ann an àiteachan poblach ag èigheach mu phropaganda Nadsaidheach.

Postair leis an t-sluagh-ghairm 'Obair agus Aran'
Postair leis an t-sluagh-ghairm 'Obair agus Aran'

Bha dealbh Hitler sa h-uile h-àite, agus bha e air a shealltainn mar neach a shàbhaileadh a' Ghearmailt. Bha slògain shìmplidh gan cleachdadh airson beachdan nan Nadsaidheach a thoirt fa chomhair nan Gearmailteach, mar:

  • "Saor a' Ghearmailt bho na h-Iùdhaich"
  • "Obair agus Aran"
  • "Bris Comannachd"
  • "Fuil agus Ùir"
  • "Aon treubh, Aon Ìompaireachd, Aon Cheannard"

Casg

Bha casg air meadhanan sam bith a bha an aghaidh bheachdan Nadsaidheach, no dòigh-beatha sam bith eile. Bha casg air pàipearan-naidheachd, rèidio, taighean-dhealbh agus taighean-cluiche. Cha robh leabhraichean ceadaichte ach feadhainn a bha ag aontachadh ri beachd nan Nadsaidhean. Bha a h-uile leabhar eile air a chasg, agus chaidh mòran a losgadh gu poblach.

Smachd air an eaglais

  • Bha Hitler dhen bheachd gun robh creideamh na chunnart a thaobh Nadsaidhean a bhith a' faighinn smachd air inntinn dhaoine.
  • Chaidh Comann Òigridh nan Caitligeach a chur às a chèile, chaidh sagartan Caitligeach a chur an grèim, agus chaidh teagasg creideimh a chasg.
  • Chaidh Eaglais Phròstanach an Reich a stèidheachadh, le easbaigean Nadsaidheach.
  • Chaidh sagartan Caitligeach, nach robh nan Nadsaidhean, agus ministearan Pròstanach, mar Martin Niemöller agus Dietrich Bonhöffer a chur dha na campaichean cruinneachaidh.