Faodar measgachadh de dh'fhiosrachadh staitistigeach a shealltainn tro dhiagraman, a' ciallachadh gum feum thu clàran-cearcaill is diagraman tricead tionalach a dhèanamh, a mhìneachadh is a choimeas.
Nuair a bhios tu air dàta a chruinneachadh, feumaidh tu a shealltainn air diagram.
Faodaidh tu clàr-cearcaill no diagram triceid a chleachdadh airson seo.
Ann an sgrùdadh, chaidh iarraidh air 100 sgoilear innse dè am prògram siabainn a b' fheàrr leotha.
Tha an toradh ann an clàr-cearcaill agus ann an diagram triceid gu h-ìosal.
Ann an sgoil eile, b' e Emmerdale an siabann a b' fheàrr leotha: