Obair an t-siùcair

Stuthan amh

B' e an dòigh a b' èifeachdaiche air siùcar fhàs e bhith air planntachasan mòra le tòrr luchd-obrach. Seach nach robh daoine gu leòr sa Charibbean, chaidh àireamh mhòr de thràillean dubha a thoirt a-steach à Afraga airson obrachadh air planntachasan an t-siùcair. Bhathar a' sùileachadh air a h-uile tràill a bhith ag obair; fiù 's seann thràillean, boireannaich agus clann.

Bha an dòigh-beatha air na planntachasan cruaidh, agus bha an treas cuid de thràillean a thigeadh a-steach a' bàsachadh an taobh a-staigh trì bliadhna. Bha sin a' cruthachadh iarraidh air tràillean ùra a ghabhadh an àite.

Iarratas air tràillean san t-Saoghal Ùr

A' fàs a' bhàrr

Eadar 1766 agus 1791, rinn Innseachan an Iar Bhreatainn còrr is millean tunna siùcair.

Tha siùcar air a dhèanamh mar a leanas:

  1. Feumar an talamh a thaomadh, a thodhaigeadh, luibhean a thoirt às, lusan a chur agus todhar a chur air, agus grian theth nan Innseachan an Iar a' deàrrsadh fad na h-ùine. Bhiodh buidhnean thràillean san robh fir, mnathan agus clann ag obair fo cheannardan geala. Bhiodh iad air an cuipeadh mura robh iad ag obair cruaidh gu leòr. Bhiodh tràillean ag obair bho mhoch gu dubh.
  2. Aig àm buain, bha na slatan siùcair air an gearradh le machetes agus gan cur air cairtean. B' e obair air leth cruaidh a bh' ann a bha trom air an druim.
  3. Nuair a bha na slatan air am buain, bha iad a' dol gu muileann siùcair far an robh iad air am pronnadh agus air an goil gus an tigeadh sùgh ruadh, steigeach asta. Bha e uabhasach cunnartach a bhith ag obrachadh nan innealan. Dh'fhaodadh tràillean a bhith air an leòn no air am marbhadh. Bha teas eagalach ann an taighean-goil an t-siùcair agus bha e uabhasach doirbh obrachadh annta ann an teas an t-samhraidh. Aig àm buain, bhiodh tràillean glè thric ag obair 18 uairean san latha.
  4. Bha sùgh an t-siùcair air fhàgail ann am baraillean gus an deigheadh siorap ruadh air an robh molasses a tharraing às. Bha sin air a chleachdadh airson ruma a dhèanamh .
Muileann siùcair tràth fo chumhachd smùide air obrachadh le tràillean
Muileann siùcair tràth fo chumhachd smùide air obrachadh le tràillean