Bàrr tropaigeach agus a' phrothaid a rinn e

Ann an 1655, chaidh Iameuga a stèidheachadh mar phàirt de dh'Ìmpireachd Bhreatainn. Thòisich bàtaichean thràillean à Sasainn a' toirt thràillean Afraganach a choloinidhean Shasainn airson obrachadh air na planntachasan. Ri linn seo, bha Breatainn beairteach agus soirbheachail.

Bàrr tropaigeach

Tràillean a' buain slatan siùcair air planntachas ann an Iameuga
Tràillean a' buain slatan siùcair air planntachas ann an Iameuga

San 17mh linn bha slatan siùcair a' tighinn a dh'Innseachan an Iar Bhreatainn à Brasil. Aig an àm sin bha a' mhòr-chuid de thuathanaich na sgìre a' fàs cotan agus tombaca. Ach bha farpais mhòr bho choloinidhean Ameireaga a Tuath a' ciallachadh gun robh a' phrìs airson a' bhàrr sin a' tuiteam. Chuir luchd-seilbh nam planntachasan mòra sa Charibbean romhpa atharrachadh gu bhith a' fàs slatan siùcair.

Cheannaich luchd-seilbh nam planntachasan tràillean airson an obair sin a dhèanamh.

An siùcar

B' e slatan siùcair am prìomh bhàrr a bha a' fàs air feadh a' Charibbean san 18mh agus san 19mh linn. Bha eadar 80% agus 90% dhen t-siùcar a bh' air a chleachdadh air taobh an iar na Roinn Eòrpa a' tighinn bho na planntachasan sin. Cha mhòr nach robh gach eilean làn le planntachasan siùcair agus muilnean. Gus an deach cur às do thràillealachd, b' e tràillean Afraganach a bha a' dèanamh a' mhòr-chuid dhen obair.

Bha Breatainn a' ceannach siùcar agus ga chleachdadh ann an cèicichean agus airson teatha a dhèanamh milis.

An fheum airson nan tràillean

Bha mòran a' creidsinn gun robh siostam a' phlanntachais, a bha stèidhichte air obair thràillean, riatanach do bheairteas, do ghnìomhachas agus do dh'obraichean ann am Breatainn.

Prothaid

Ann an 1750, ghabh siùcar àite a' ghràin mar am bathar a bu luachmhoire ann am malairt na Roinn Eòrpa. Bha barrachd is barrachd iarraidh air siùcar air sgàth 's gun robh cleachdaidhean ithe ag atharrachadh gu mòr ann am pàirt dhen Roinn Eòrpa - thòisich daoine a' gabhail barrachd silidh, suiteis, tì, cofaidh agus biadh milis eile.

Ghabh eileanan a' Charibbean brath air an t-suidheachadh agus thòisich iad a' dèanamh barrachd is barrachd siùcair. Ann am Barbados, b' e siùcar a bh' ann an 93% de mhach-bhathar an eilein.