Eisimpleir air obrachadh

Obraich a-mach: \(3 \times (7 - 3)\)

Fuasgladh

Tha CDRICT ag ràdh gu bheil camagan a' tighinn an toiseach, agus mar sin obraichidh sinn a-mach:

\[3 \times (7 - 3) = 3 \times 4 = 12\]

Question

Obraich a-mach: \(2 + 3 \times 5 - 4\)

An d' fhuair thu \(13\)? Mura d' fhuair, cuimhnich gu bheil iomadachadh a' tighinn ro chur-ris agus ro thoirt-air-falbh.

\[2 + 3 \times 5 - 4\]

\[= 2 + 15 - 4 = 13\]

Question

Tha Paula ag ràdh gu bheil \(2 \times 3 - 2 \times 5 = - 4\)

Tha Steve ag ràdh gur e \(10\) am freagairt. Cò tha ceart, agus carson?

Tha Paula ceart. Tha iomadachadh a' tighinn ro chur-ris agus ro thoirt-air-falbh, agus mar sin:

\[2 \times 3 - 2 \times 5 = 6 - 10 = - 4\]

Move on to Test
next