Am prìosanach

Beachdaich a-nis air an earrainn leughaidh gu lèir:

Question

Carson a chaidh am pìos seo a sgrìobhadh? Mìnich am freagairt agad.

Freagairtean leithid:

  • Airson cunntas a thoirt air seann sgeulachd is sgeulachd Nelson Mandela, mar eisimpleir an dòigh-bheatha a bh' aige às dèidh a shaoraidh.
  • Tha tòrr fiosrachadh ann mu bheatha phearsanta Mandela agus tha seo a' toirt sealladh as ùr dhuinn mu dè bha cudromach dha agus carson:

"Às dèidh dha a bhith air a shaoradh, cha robh e gu diofar cuin a rachadh e a chadal air an oidhche, bhiodh e ag èirigh a h-uile madainn aig leth-uair an dèidh ceithir agus ghabhadh e bracaist shìmplidh de bhrochan, de bhainne agus de mheasan ùra."

  • Airson fiosrachadh a thoirt seachad a tha ag innse mu àm sònraichte ann an eachdraidh, mar eisimpleir na rudan cudromach a rinn Mandela na bheatha:

"Ghlac prìosanach ainmeil a chaidh a shaoradh sa bhliadhna naoi ceud deug is naochad aire an t-sluaigh."

"Anns a' bhliadhna naoi ceud deug naochad 's a trì, rinn an saoghal gàirdeachas ris an naidheachd gun do ghlèidh Mandela Duais Sìth Nobel."

Tha cinn-là gan toirt seachad (agus iomradh air Nirribhidh) anns an dàrna phàirt dhen sgrìobhadh agus tha seo a' sealltainn mar a bha daoine a' faireachdainn 's na bha a' tachairt aig an àm sin, gu h-eadar-nàiseanta.

  • Airson toirt air an leughadair a bhith a' smaoineachadh mu phrìosanaich ann an dòigh dìofraichte. Tha an sgrìobhadair a' tòiseachadh le sgeulachd mu phrìosanach gun ainm agus a' mìneachadh am beatha thruagh a bh' aige gus am bi truas againn dha:

"Dh'fhàs e sgìth de ghuth fhèin a' dèanamh an aon rud gun sguir – a' caoineadh no a' mionnan no ag iarraidh cobhair."

An uair sin tha e ga cheangail ri sgeulachd Nelson Mandela, fear air an robh a h-uile duine a' coimhead le àrd-urram.

Question

A' cuimhneachadh air amas a' phìos seo, dè cho soirbheachail 's a tha e?

Freagairtean leithid:

  • Tha e soirbheachail. Cunntas tarraingeach agus inntinneach. Sgeulachd à eachdraidh ga cheangal le sgeulachd on 20mh linn. Tha an sgrìobhadair a' dèanamh dealbh dhuinn de bheatha phrìosanach gun ainm, a tha cho garbh aonranach is e air a chumail na chùlanach:

"An toiseach, bhiodh e ag èigheach ach cha robh duine ga fhreagairt."

"Cha robh fiù sgàthan aige. Cha robh fhios aige cò ris a bha e coltach no carson a bha e anns a' phrìosan."

Mar seo, às dèidh dhuinn am pàirt sin den earrainn a leughadh, tha dealbh againn air cò ris a bha beatha Nelson Mandela coltach, 's tha buaidh nas làidire aig a' phìos oirnn.

  • Tha a' chiad phàirt a' glacadh aire an leughadair le bhith a' bruidhinn rinn ann an guth pearsanta:

"Tha cuimhne agam air seann sgeulachd a leughadh mu phrìosanach gun ainm . . . Seo earrann dhen sgeulachd mar a chuala mise i"

Tha e mar gum biodh a' bruidhinn ri caraid 's tha seo gar tarraing a-staigh. Tron earrainn tha tòrr fiosrachadh air a thoirt seachad mun phrìosanach 's cho truagh 's a bha bheatha agus an uair sin tha an sgrìobhadair a' crìochnachadh le deireadh fosgailte:

"Chan eil fios agam an d' fhuair e riamh às beò, ma dh'fhaoidte gun do bhàsaich e na phrìosanach."

Tha seo gar fàgail le ceistean agus, math dh'fhaodte, truas ris.

  • Tha am pìos a' glacadh aire an leughadair le bhith a' mìneachadh eachdraidh Mandela gu soilleir, a' toirt cunntas air a bheatha phearsanta. Ghabhadh e:

"bracaist shìmplidh de bhrochan, de bhainne agus de mheasan ùra. . . Bha ùidh mhòr aige ann an ceòl dùthchail agus ceòl còisireil Afraga."

Agus a' beachdachadh air ana-ceartais is mar a thathar a' dèiligeadh ris:

"thug e iomradh sònraichte air Nirribhidh air sgàth mar a sheas an dùthaich an aghaidh gràin-cinnidh"

Tha an earrann a' crìochnachadh le bhith a' togail seasamh Nirribhidh air a' chùis agus tha seo, math dh'fhaodte, a' brosnachadh an leughadair gus leantainn air na leugh iad agus barrachd rannsachaidh a dhèanamh air.

Move on to Test
next