Am prìosanach

Ceistean

Question

Dè chunnaic am prìosanach bhon uinneag aige?

Geugan nan craobh agus an t-adhar gorm is dubh.

Question

Ainmich trì rudan a bhiodh e a' cluinntinn nuair a bhiodh e a' bruidhinn ris fhèin.

Caoineadh, mionnan agus iarrtas airson cobhair.

Question

Ciamar a bhiodh e ga leòn fhèin?

A' bualadh nam ballachan le dhòrn gus am biodh fuil a' sruthadh asta.

Question

Dè dhèanadh e airson stad a chuir air fhèin o bhith ag èigheach?

Chuireadh e a làmhan air a shùilean no chuireadh e a dhòrn na bheul.

Question

Inns mar a bha am prìosanach air a sgeadachadh.

Bha feusag air agus bha an t-aodach aige salach le seann bhiadh is deoch.

Question

Inns nad fhaclan fhèin dè tha "air gèilleadh" a' ciallachadh.

Air leigeil seachad no air a thoirt suas.

Question

Carson a bha daoine measail air Nelson Mandela?

Bha e a' strì an aghaidh ana-ceartais agus gràin-cinnidh.

Question

Carson a bha uallach air mu theaghlach fhèin?

Cha robh e mun cuairt aig amannan sònraichte agus air làithean cudromach.