Am prìosanach

Seo cothrom sgilean leughaidh a leasachadh aig Nàiseanta 5. Leugh an earrann agus freagair na ceistean a leanas.

Nelson Mandela
Nelson Mandela

Tha cuimhne agam air seann sgeulachd a leughadh mu phrìosanach gun ainm, cha robh fios aig a' phrìosanach fiù 's dè rinn e ceàrr airson a ghlasadh suas. Seo earrann dhen sgeulachd mar a chuala mise i:

Bha am prìosanach air a bhith iomadh bliadhna anns a' phrìosan, cho fada is nach robh cuimhne aige cuin a thàinig e ann an toiseach. Anns an t-seòmar bha aon uinneag bheag. Fad an latha, shuidheadh e aig an uinneig agus chitheadh e geugan nan craobh agus an t-adhar gorm is dubh, ach cha tàinig duine. Trì uairean anns an latha bha an doras a' fosgladh oir bhig, is thigeadh am biadh agus an deoch a-steach, ach chan fhaiceadh e duine. An toiseach, bhiodh e ag èigheach ach cha robh duine ga fhreagairt. Dh'fhàs e sgìth de ghuth fhèin a' dèanamh an aon rud gun sguir – a' caoineadh no a' mionnan no ag iarraidh cobhair. An toiseach cuideachd, bha fearg na ghuth agus bhuaileadh e na ballachan le a dhùirn gus an robh an fhuil a' ruith. Ach stad e mu dheireadh.

Cha robh fiù sgàthan aige. Cha robh fhios aige co ris a bha e coltach no carson a bha e anns a' phrìosan. Uaireannan, chuireadh e a làmhan air a shùilean no a dhòrn na bheul gun fhios nach dèanadh e sgriach. Bha feusag air: dh'fhairicheadh e i is chitheadh e i. Bha e a' caitheamh an aon aodaich bho thàinig e agus bha an t-aodach salach le seann bhiadh is deoch. Càite an robh na nàimhdean? An robh sabaid air a bhith ann? Ciamar a bha e air gèilleadh riutha? Cha robh e airson bàsachadh, dh'fheuch e ri cumail a' dol. Choisicheadh e sìos is suas air an làr gun sguir, fichead ceum air adhart is fichead ceum air ais, a' feitheamh an latha a dheigheadh a shaoradh. Chan eil fios agam an d' fhuair e riamh às beò, math dh'fhaodte gun do bhàsaich e na phrìosanach.

Ghlac prìosanach ainmeil a chaidh a shaoradh sa bhliadhna naoi ceud deug is naochad aire an t-sluaigh. Bha meas mòr aig an t-saoghal air Nelson Mandela airson a bhith a' strì an aghaidh ana-ceartais agus gràin-cinnidh. Bha e anns a' phrìosan fad seachd bliadhna fichead agus bidh cuimhne aig mòran fhathast air an toileachas a bha air aodann an latha a choisich e a-mach às gu solas an latha. Tha a h-uile duine eòlach air ainm agus air an obair ionmholta a rinn e ann an Afraga a Deas agus air feadh an t-saoghail bhon a chaidh a shaoradh.

Is dòcha nach robh daoine cho eòlach air an duine fhèin ge-tà. Ged a bha Afraga a Deas air leth cudromach dha, bha riamh uallach air cuideachd dhan teaghlach aige fhèin. Ged a bha e a' dèanamh tòrr siubhail nuair a chaidh a shaoradh, cha robh e a' còrdadh ris a bhith air falbh on taigh aig amannan sònraichte no air làithean cudromach. Bhiodh e ag ionndrainn iomadh rud mu dhachaigh fhèin: muinntir an àite, na mèinnean, dathan nan craobh agus fàileadh cùbhraidh na dùthcha.

Bha buaidh mhòr aig na bliadhnaichean fada fo ghlais air an dòigh-beatha aige. Às dèidh dha a bhith air a shaoradh, cha robh e gu diofar cuin a rachadh e a chadal air an oidhche, bhiodh e ag èirigh a h-uile madainn aig leth-uair an dèidh ceithir agus ghabhadh e bracaist shìmplidh de bhrochan, de bhainne agus de mheasan ùra. Bha eacarsaich cudromach dha fad a bheatha agus bha e deimhinne gur e sin a chùm cho fada beò e. Bha ùidh mhòr aige ann an ceòl dùthchail agus ceòl còisireil Afraga. Anns a' phrìosan, bha e toirmisgte a bhith ag èisteachd ri ceòl ach bha cead aige fhèin is na prìosanaich eile cuirmean-ciùil a chur air dòigh a thug togail dha spioraid anns na làithean dubhach ud.

Anns a' bhliadhna naoi ceud deug naochad 's a trì, rinn an saoghal gàirdeachas ris an naidheachd gun do ghlèidh Mandela Duais Sìth Nobel. Bhiodh e doirbh smaoineachadh air duine eile a bha na b' airidh air an leithid de dhuais. Nuair a thog e an duais, thug e iomradh sònraichte air Nirribhidh air sgàth mar a sheas an dùthaich an aghaidh gràin-cinnidh nuair a bha mòran dhùthchannan eile a' seachnadh a' chuspair.