Bha na SA an sàs ann a’ Bhietnam oir bha eagal orra mu chomannachas. Seach nach do rinn na SA a’ chùis air na Bhietcong, is barrachd an aghaidh a’ chogaidh aig an taigh, chaill iad an cogadh.
Carson a chaidh na SA an sàs ann a’ Bhietnam?
Thug arm Bhietnam ionnsaigh air Ambasaid nan SA ann a’ Bhietnam.
Bha na SA ag iarraidh ìmpireachd mhòr.
Bha na SA a’ creidsinn san ‘Teòiridh Domino’.
Cò bha os cionn Bhietnam a Deas gu 1963?
Ho Chi Minh
Ngo Dinh Diem
Chiang Kai Shek
Cò bha os cionn Bhietnam a Tuath?
Mao
Dè dh’adhbhraich gun deach saighdearan nan SA a chleachdadh air an talamh ann a’ Bhietnam?
Ionnsaigh Tet
Murt My Lai
Tachartas Camas Tonkin
Càit an tugadh luchd-tuatha Bhietnam a Deas airson an 'dìon' bho na Bhietcong?
Sgìrean Innleachd
Bailtean Innleachd
Mòr-bhailtean Innleachd
Càit an deach sìobhaltaich Bhietnam a mharbhadh ann an 1968?
My Lai
Da Nang
Saigon
Cuin a thachair Ionnsaigh Tet?
1965
1969
1968
Dè an dùthaich a chuidich na Bhietcong?
Sìona
Thailand
Coiria a Tuath
Càit an deach ceathrar oileanach às na SA a mhurt le Fir-dìon Nàiseanta ann an 1970?
UCLA
Kent State
Harvard
Carson a tharraing na SA a-mach à Bhietnam?
Tharraing iad a-mach oir bha an cogadh daor agus bha am poball na aghaidh.
Tharraing iad a-mach oir bha na Bhietcong a’ dèanamh a’ chùis orra.
Tharraing iad a-mach oir bha iad air buaidh fhaighinn.