Buaidh Cogadh Bhietnam

Buaidh air Bhietnam

  • Chaochail mu 500,000 sìobhaltach.
  • Dh'adhbhraich Agent Orange gun robh beudan, no rudan ceàrr, air cuid de na leanaban a rugadh agus tha sin ann fhathast chun an latha an-diugh.
  • Chaidh an ceann a Deas a ghabhail thairis leis a' cheann a Tuath ann an 1976.
  • Bha sgrios an fhearainn rè a' chogaidh a' ciallachadh nach b' urrainn dhan dùthaich biadh gu leòr a dhèanamh dhan t-sluagh.

Buaidh air na SA

Bha cliù Ameireaga air a mhilleadh air feadh an t-saoghail. Fhuair iad càineadh airson a bhith a' toirt taic do riaghaltas coirbte. Bha na meadhanan air sealltainn dhan t-saoghal cho brùideil 's a bha innleachdan Ameireaga.

Chaidh mu 58,000 saighdear Ameireaganach a mharbhadh agus 153,000 eile a leòn.

Chosg e $111 billean dha na SA a bhith an sàs ann an Bhietnam.

Buaidh air inntinn

  • Chaill còrr is 100,000 saighdear Ameireaganach buill dhem bodhaig sa chogadh agus bha iad a' cur feum air leigheas.
  • Bha mòran shìobhaltach a' coimhead orra mar fhir a bha borb a bu chòir am peanasachadh no an seachnadh.
  • Bha e a' dì-mhisneachadh dhaoine gun do chaill Ameireaga an aghaidh dùthaich nach robh cho cumhachdach. Chaill daoine misneachd sa chomas armailteach aice.

Buaidh air a' Chogadh Fhuar

An Ceann-suidhe Richard Nixon
An Ceann-suidhe Richard Nixon

Dh'fheuch Nixon a bhith na bu chàirdeile ris an Aonadh Shòbhieteach.

Teagasg Nixon

Thuirt Nixon nach robh na SA a' dol a ghabhail oirre a' chòrr uallaichean armailteach. Dh'fheumadh na caidrich aca coimhead às dèidh an tèarainteachd fhèin.

An Teòiridh Domino

Bha dìreach pàirt dhen Teòiridh Domino air a daingneachadh - bha comannachd air sgaoileadh a Shìona ann an 1949, a Choiria toiseach nan 1950an agus a Bhietnam sna 1950an. Chaidh Laos agus Cambodia cuideachd chun na comannaich, ach cha do sgaoil comannachd idir dhan a' chòrr de cheann an Ear-dheas Àisia.

Chaidh a shealltainn gum faodadh comannachd a bhith air a sgaoileadh gu dùthchannan eile ged nach robh cinnt mun sin.

Move on to Test
next