Beachdan mun chogadh ag atharrachadh sna SA

B' e am prìomh adhbhar eile nach b' urrainn dha na SA an cogadh a bhuannachadh nach robh taic aca bho shluagh nan SA.

Bha iomadh duine agus buidheann an aghaidh a' chogaidh agus airson diofar adhbharan.

Fiosrachadh sna meadhanan

B' e seo a' chiad chogadh a chunnaic daoine air an telebhisean. Bha dealbhan air an TBh agus ann am pàipearan-naidheachd de dhaoine marbh agus saighdearan leònte. Bha mòran dhe na h-Ameireaganaich air an uabhasachadh agus thionndaidh iad an aghaidh a' chogaidh.

An aghaidh an fhoireann

B' e am Foireann a chante ri bhith a' togail fireannaich Ameireaga a dh'arm nan SA, agus mhair e bho 1954-1975.

Bha mòran de mheadhan-chlas Ameireaga an aghaidh a' chogaidh oir ann an 1967, bha an reat-bàis air a dhol suas gu 160 gach seachdain.

Gluasad nan còraichean catharra an aghaidh a' chogaidh

Bha luchd-iomairt chòraichean catharra an aghaidh a' chogaidh. Bha iadsan a' sabaid airson barrachd chòraichean do dh'Ameireaganaich Afraganaich sna SA. Chaidh mòran de dh'Ameireaganaich Afraganach a thogail dhan chogadh, agus seach gun robh iad ùr, glè thric bha iad a' faighinn nan obraichean bu mhiosa sna h-àiteachan bu mhiosa. Chaill Muhammad Ali an tiotal-bogsaidh aige seach gun do dhiùlt e sabaid sa chogadh.

An òigridh an aghaidh a' chogaidh

Thàinig a' phrìomh ghearan an aghaidh a' chogaidh bho oileanaich.

Murt Stàit Kent (4 Cèitean 1970) - Chaidh ceathrar oileanach a bha a' togail fianais gu sìtheil aig Oilthigh Stàit ann an Ohio a mhurt le Fir-dìon Nàiseanta Ohio agus iad aig ralaidh an aghaidh a' chogaidh air a' champus aig àm dinnearach.

Sìochantairean (Pacifists)

Bha mòran a' creidsinn gun robh an cogadh ceàrr bho shealladh moralta. Bha gearanan mòra air feadh Ameireaga, le cuid dhiubh ann a' Washington san Dùbhlachd 1969. Bha seinneadairean a' sgrìobhadh òrain an aghaidh cogadh agus òrain a bha a' càineadh Cogadh Bhietnam fhèin. Sgrìobh Bob Dylan Masters of War agus sgrìobh John Lennon Give Peace A Chance.

Luchd-poilitigs an aghaidh a' chogaidh

Chosg Riaghaltas nan SA airgead smaointinneach air a' chogadh, agus dh'fhaodadh iad a bhith air an t-airgead sin a chosg air cùisean aig an taigh. Thòisich cuid dhen luchd-poilitigs a bha taiceil dhan chogadh an toiseach, leithid Robert McNamara, air a dhol na aghaidh agus cha robh iad airson na SA a bhith an sàs ann.