Bha na SA an sàs ann a’ Bhietnam oir bha eagal orra mu chomannachas. Seach nach do rinn na SA a’ chùis air na Bhietcong, is barrachd an aghaidh a’ chogaidh aig an taigh, chaill iad an cogadh.
Ann an cogadh guerrilla bidh daoine a' cleachdadh an eòlais a th' aca air an dùthaich gus sabaid fhollaiseach an aghaidh an nàmhaid a sheachnadh, agus gus ionnsaighean a thoirt orra gun fhiosta. Bha na Bhietcong eòlach air an dealbh-tìre agus air a' ghnàth-shìde. Chleachd iad Slighe Ho Chi Minh airson stuth a chumail ris na feachdan aca.
Thug luchd-tuatha Bhietnam a Deas taic do na Bhietcong seach gum biodh iad a' tabhann cuideachadh dhaibh len obair làitheil.
Bha e doirbh dha na feachdan Ameireaganach fios a bhith aca cò bha na Bhietcong agus cò nach robh.
Bha siostam thunailean falaichte anns an robh còrr is 200 mìle a dh'fhaid aig na Bhietcong. Bha ospadail, stòran bhall-airm, àiteachan-cadail, cidseanan agus tobair fon talamh. B' urrainn dhan Bhietcong falach anns na tunailean agus chuidich iad seo anns a' chogadh guerrilla.
Bha na Bhietcong agus Bhietnam a Tuath a' faighinn taic bhon USSR agus bho Shìona le airgead agus buill-airm.
Ghlac na Bhietcong 75% de phrìomh bhailtean Bhietnam a Deas airson beagan uairean a thìde, nam measg, bha Ambasaid nan SA ann an Saigon.
Thuig na SA nach buannaicheadh iad cogadh an aghaidh nàmhaid a bha cho dealasach agus cho sgapte.