Bha na SA an sàs ann a’ Bhietnam oir bha eagal orra mu chomannachas. Seach nach do rinn na SA a’ chùis air na Bhietcong, is barrachd an aghaidh a’ chogaidh aig an taigh, chaill iad an cogadh.
Cha b' urrainn dha na SA na Bhietcong (duine sam bith à Bhietnam a bha a' toirt taic do chomannachd agus dhan cheann a Tuath) a chur fodha. Tha iomadh adhbhar airson sin.
Bha dòigh-obrach nan Ameireaganach uabhasach borb agus thionndaidh muinntir Bhietnam nan aghaidh.
Gus nach faigheadh na Bhietcong air falach ann am bailtean sa cheann a deas, chaidh luchd-tuatha Bhietnam a Deas a chur às na bailtean aca agus an gluasad gu 'bailtean ro-innleachd'. Bha uèir bhiorach timcheall nam bailtean sin agus bha iad fo smachd nan Ameireaganach.
Bha na SA a' bomadh mòran thargaidean gnìomhachais ann a' Bhietnam a Tuath gus stad a chur air feachdan agus buill-airm bho dhol dhan cheann a Deas. Glè thric cha robh na bomaichean a' bualadh nan targaidean agus bhiodh iad a' bualadh ann an sgoiltean is ann an ospadail.
Chleachd na SA buill-airm cheimigeach, Napalm (peatrail air a dhèanamh tiugh) agus Agent Orange (puinnsean luibhean uabhasach làidir). Bha seo air a chleachdadh airson duilleach a mharbhadh san fhàsach agus air Slighe Ho Chi Minh, slighe bathair nam Bhietcong. Bha an Napalm a' steigeadh ri daoine agus ag adhbharachadh leòintean uabhasach. Chuir Agent Orange às do thuathanasan iomadh neach neoichiontach, do bhàrr agus do bheathaichean.
Dh'fheuch na SA ri cur às dha na Bhietcong ann am bailtean a' chinn a Deas. Bhiodh iad a' tighinn a-steach ann a' heileacoptair agus a' marbhadh dhaoine a bha iad a' smaoineachadh a bha de mhuinntir a' Bhietcong. Ann an 1968, chrìochnaich misean baile My Lai nuair a chaidh boireannaich, clann agus mòran dhaoine neoichiontach eile a mharbhadh.