Bha na SA an sàs ann a’ Bhietnam oir bha eagal orra mu chomannachas. Seach nach do rinn na SA a’ chùis air na Bhietcong, is barrachd an aghaidh a’ chogaidh aig an taigh, chaill iad an cogadh.
Ron Chiad Chogadh bha Bhietnam mar phàirt de dh'Ìmpireachd na Frainge.
An dèidh an Dara Cogaidh bha cogadh sìobhalta ann an Bhietnam eadar na comannaich agus na seann cheannardan Frangach agus an luchd-taic. Mu dheireadh thall, chaidh na Frangaich an cur fodha agus dh'fhàg iad.
Chaidh aontachadh gun deigheadh an dùthaich a sgaradh a rèir na 17mh Loidhne Cho-shìnte gus am biodh taghaidhean ann.
Dh'fhuirich an dùthaich na dà roinn:
Bha na Bhietminh airson an dùthaich aonachadh fon cheannard Chomannach Ho Chi Minh. Bha mòran de mhuinntir Bhietnam a Deas a' toirt taic do Ho Chi Minh oir cha robh iad toilichte le Ngo Dinh Diem.
Thòisich cogadh eadar Tuath agus Deas. Bho 1958 thòisich barrachd is barrachd ionnsaighean aig Deas bho chomannaich ann a' Bhietnam a Deas fhèin.
B' e seo an creideas, nan gabhadh aon dùthaich ri comannachd, gun tachradh an aon rud dhan dùthaich ri taobh.
Bha eagal air na SA gun sgaoileadh comannachd gu Bhietnam a Deas. Cho-dhùin iad gun cuireadh iad airgead, bathar agus luchd-comhairleachaidh armailteach a chuideachadh Riaghaltas Bhietnam a Deas.
B' e ceannard coirbte a bh' ann an Diem agus dhiùlt e talamh a thoirt dhan luchd-tuatha. Cha bu toigh leis Buddhachd agus cha robh e math dha na Buddhaich a bha nam mòr-chuid san dùthaich. Mar thoradh air an sin, bha mòran de shluagh Bhietnam a Deas a' dol na aghaidh. Bha an luchd-tuatha ag iarraidh comannachd agus bha iad a' toirt taic dha na Bhietminh.
Ann an 1963, chaidh cur às do riaghaltas Diem. An dèidh sin, cha robh smachd aig riaghaltas làidir, calpaireil air a' cheann a Deas.
Thug Bhietnam a Tuath ionnsaigh air Nèibhidh nan SA ann an Camas Tonkin. Thug an tachartas sin leisgeul dha na SA a dhol an sàs barrachd sa chogadh. Ràinig a' chiad phrìomh bhuidheann de Shaighdearan-mara nan SA ann an 1965.