Leughadh

Ceistean

Question

Carson a bha an sgrìobhadair a' dol gu San Francisco Diciadain?

Bha i a' dol a thadhal air bràthair a màthar 's a theaghlach.

Question

Dè an obair a tha aig an neach seo?

Tha e a' dèanamh obair-rannsachaidh airson buidheann choimpiutaireachd mhòr ann an Cupertino.

A-rithist, tha e nas fheàrr barrachd fiosrachaidh a chur sìos na a bhith ann an cunnart fiosrachadh fhàgail a-mach.

Question

Ciamar a tha fios againn gun robh an sgrìobhadair air eòlas a chur air a co-oghaichean ron seo?

Choinnich i riutha an-uiridh nuair a thadhail iad oirre ann an Inbhir Nis.

Bhiodh e cuideachd freagarrach a ràdh gun robh an sgrìobhadair a' coimhead air adhart rin coinneachadh a-rithist.

Question

Dè am fiosrachadh a tha an sgrìobhadair a' toirt seachad mu na co-oghaichean aice?

Tha dithis dhiubh ann, gille agus nighean (no Kara agus Ben), agus tha iad faisg air an aon aois rithe fhèin.

Smaoinich air na tha thu air a leughadh anns an earrainn air fad.

Question

(a) Dè seòrsa sgrìobhadh a tha seo?

  • Fiosrachadh mu bhaile New York
  • Litir
  • Blog pearsanta

(b) Nad bheachd, cò a leughadh seo?

  • Caraidean 's teaghlach Màiri
  • Luchd-turais eile ann an New York
  • Daoine a bha a' beachdachadh air a dhol a New York

(c) Carson a tha thu den bheachd seo?

(a) Tha a' cheist seo ag iarraidh ort beachdachadh air an t-seòrsa teacsa a th' ann. 'S e am freagairt: Blog pearsanta.

Tha fios againn air a seo bho bhith a' leughadh na h-earrainn air fad. Chan e fiosrachadh foirmeil a tha seo ach chan e litir gu aon neach a th' ann nas motha (tha i a' sgrìobhadh Slàn leibh). Tha seantansan mar Cuiridh mi barrachd fios air-loidhne an ceann latha no dhà a' nochdadh dhuinn gur e blog air-loidhne a th' ann.

(b) Tha a' cheist seo a' toirt ort beachdachadh air stoidhle na h-earrainn. 'S e am freagairt: Caraidean 's teaghlach Màiri.

(c) Tha stoidhle-sgrìobhaidh Màiri neo-fhoirmeil agus tha am fiosrachadh a tha i a' toirt seachad pearsanta. Cha bhiodh e gu mòran feum do dhaoine eile agus cha bhiodh e inntinneach ach do dhaoine a bha eòlach air Màiri.

Question

Saoil ciamar a tha na saor-làithean a' còrdadh ri Màiri agus carson a tha thu den bheachd sin?

Tha a' cheist seo a' sireadh beachd a tha stèidhichte air na leugh thu. Feumaidh tu fianais bhon teacsa a chleachdadh nad fhreagairt agus ceangal a dhèanamh eadar an fhianais sin agus a' cheist.

Seo dà fhreagairt a bhiodh iomchaidh:

Tha Màiri ag ràdh gu bheil New York brèagha agus beothail. Cha chanadh ach neach a bha toilichte a leithid.

NO

Tha i cuideachd ag ràdh gu bheil fadachd oirre gach rud fhaicinn. Tha e follaiseach gu bheil i air a dòigh a bhith ann.

Move on to Test
next