Leughadh

Ceistean

Seo deich ceistean. Leugh an earrann agus freagair na ceistean.

Question

Carson a dh'fhaodadh an sgrìobhadair a bhith sgìth?

Bha i air plèan seachd uairean a thìde.

Tha a' cheist seo ag iarraidh oirnn am freagairt obrachadh a-mach bhon fhiosrachadh sa chiad sheantans.

Question

Ciamar a tha fios againn nach eil an sgrìobhadair a' dol a dh'fhuireach anns an aon thaigh-òsta fad na tìde?

Thuirt i gun robh i dol a dh'fhuireach ann a' chiad oidhche.

Tha seo ag innse gu bheil i am beachd fuireach nas fhaide agus gum bi i ann an àite eile an ath oidhche.

Question

Dè tha an sgrìobhadair a' dol a dhèanamh a-màireach?

Tha i a' dol air turas timcheall New York ann am bus gun mhullach.

Tha còir agad fiosrachadh sam bith a tha freagarrach a chur nad fhreagairt. Tha an fhreagairt gu h-àrd gu math nas fheàrr na 'Tha i a' dol air turas timcheall New York.'

Question

Ged a tha an rud a tha i a' dol a dhèanamh daor, carson a tha i a' dol ga dhèanamh?

Tha daoine ag ràdh gum bi an t-airgead air a dheagh chosg.

Question

Dè cho fada 's a bheir an rud a tha i a' dol a dhèanamh?

Trì uairean a thìde.

Question

Dè chì an sgrìobhadair anns an ùine seo?

Na h-àiteachan as inntinniche ann an New York.