Coltachd

Le coltachd, bidh sinn a' tomhas dè cho coltach 's a tha e gun tachair rudeigin.

Faodar coltachd a chleachdadh gus tuairmse a thoirt air dè cho coltach 's a tha buil air choreigin, mar eisimpleir, nuair a bhios tu a' sadail dìsinn no bonn airgid.

Bidh sinn tric a' cleachdadh fhaclan àraidh airson innse dè cho coltach 's a tha e gun tachair rudeigin.

Mar eisimpleir, 's dòcha gun can sinn gu bheil e coltach gum bi i grianach a-màireach, no nach eil e glè choltach gum bi sneachd ann san Lùnastal.

Coimhead air na seantansan gu h-ìosal agus smaoinich a bheil gach nì: cinnteach, coltach, glè choltach, cothromach (chan eil e coltach no neo-choltach), neo-choltach, glè neo-choltach no do-dhèante.

  • Ma cheannaicheas tu tiogaid crannchuir, gheibh thu an duais as motha.
  • Ma thilgeas tu bonn airgid, gheibh thu an ceann.
  • Bidh an Nollaig ann air 25 Dùbhlachd am-bliadhna.
  • Fàsaidh sròn eile ort.
  • Bidh an t-uisge ann sa chiad sheachdain dhen Dùbhlachd.

Question

Ann an gèam, tha 7 grìogagan le àireamhan bho 1 gu 7 ann am poca.

Nuair a bheir thu grìogag a-mach, feumaidh tu tomhas co-dhiù am bi an àireamh air an ath tè a thig a-mach nas motha no nas lugha, agus mar sin air adhart.

Gach turas, tagh facal freagarrach bhon liosta a leanas agus cuir crìoch air an t-seantans:

  1. cinnteach
  2. coltach
  3. glè choltach
  4. neo-choltach
  5. glè neo-choltach
  6. do-dhèante

Cuimhnich nach eil ann ach aon dhe gach àireamh.

1. Mas e 7 a th' anns a' chiad ghrìogaig, dè cho coltach 's a tha e gum bi an dara grìogag nas lugha na 7?

2. Mas e 1 a tha san dara grìogaig, dè cho coltach 's a tha e gum bi an treas grìogag nas lugha na 2?

3. Mas e 6 a th' anns an treas grìogaig, dè cho coltach 's a tha e gum bi an ath ghrìogag nas motha na 4?

1. 'S e 7 a th' anns a' chiad ghrìogaig. Dè cho coltach 's a tha e gum bi an an ath ghrìogag nas lugha na 7?

'S e: 6,\,5,\,4,\,3,\,2\,agus\,1 na h-àireamhan a th' air fhàgail.

Mar sin tha a' choltachd gum bi an 2ra grìogag nas lugha na 7 cinnteach.

2. 'S e 1 an 2ra grìogag. 'S e na h-àireamhan a th' air fhàgail: 2,\,3,\,4,\,5,\,agus\,6.

Tha e do-dhèanta gum bi an ath ghrìogag nas lugha na 2.

3. 'S e 6 an treas grìogag. 'S e na h-àireamhan a th' air fhàgail: 2,\,3,\,4\,agus\,5.

Tha e neo-choltach gum bi an ath ghrìogag nas motha na 4.