Rinn bàs Alasdair III an 1286 is bàs Maighdeann Nirribhidh èiginn ann an Alba. Dh’iarr uaislean Alba air Eideard I rìgh a thaghadh. Bha Eideard an uair sin an sàs ann an cùisean Alba.
Ach thàinig an t-ànradh nuair a chaochail Mairead san Dàmhair, 1290 fhad 's a bha i a' siubhal à Nirribhidh a dh'Alba. Dh'fhàs i tinn air bòrd a' bhàta ann am muir cunnartach, agus chaochail i ann an Arcaibh 's gun i fada bho thìr-mòr Alba.
Bha sin a' ciallachadh gun robh cùis-èiginn ann an rìoghachd Alba a-rithist: