Freagairt na h-Alba – Cùmhnant Bhirgham

Eideard I, Rìgh Shasainn
Rìgh Eideard I

Bha Eideard I Shasainn air a bhith na charaid do dh'Alasdair agus do dh'Alba. Mar thoradh air an sin, bha na h-Urrasairean a' cumail fiosrachadh ris mu bhàs Alasdair agus mu na bha ga chur air dòigh airson crùnadh Mairead. Bha Eideard I airson a bhith an sàs barrachd ann an cùisean Alba. Mar sin, mhol e dha na h-Urrasairean gum pòsadh Mairead a mhac, air an robh Eideard cuideachd.

Chaidh Cùmhnant Bhirgham a shoidhnigeadh ann an 1290, faisg air crìoch Alba agus Shasainn. Thuirt aonta a' phòsaidh sin:

  • Gum pòsadh mac Eideird I, a bhiodh na rìgh Eideard II, Maighdeann Nirribhidh.
  • Gum biodh Alba fhathast na dùthaich neo-eisimeileach.
  • Gum biodh gach co-dhùnadh a bha a' buntainn ri Alba ga dhèanamh ann an Alba.
  • Nach deigheadh an t-aonta a dhaingneachadh gus an tachradh am pòsadh.