Duilgheadas mu chòir a' chrùin an dèidh bàs Alasdair III

Alasdair III, Rìgh Alba
Rìgh Alasdair III

An dèidh greis stèidheil ann an eachdraidh na h-Alba, thàinig droch naidheachd nuair a chaochail Rìgh Alasdair III sa Mhàrt, 1286. Bha e air an t-slighe a Cheann Gronna à Dùn Èideann air oidhche stoirmeil an dèidh a bhith air a dhealachadh bhon luchd-comhairleachaidh aige nuair a dh'fhàg e Inbhir Chèitein. Fhuaradh marbh e an-ath-latha agus coltas ann gun do thuit e far an eich.

Bha bàs Alasdair a' ciallachadh gun robh duilgheadas ann an Alba a thaobh còir a' chrùin oir cha robh duine dhen chloinn aige beò. Bhathar an dùil gun robh a' Bhanrigh Yolande an dùil ri leanabh, ach cha robh sin fìor. Bha dithis mhac Alasdair air caochladh roimhe fhèin, agus chaochail an nighean aige nuair a rugadh leanabh dhi. Air sgàth sin, dh'aontaich uaislean na h-Alba gun crùnadh iad ogha Alasdair. B' ise Mairead, Maighdeann Nirribhidh.

Ach cha b' e an roghainn sin am fuasgladh a b' fheàrr oir:

  • Bha Mairead gu math òg agus cha deigheadh aice air riaghladh leatha fhèin.
  • Ge b' e cò bhiodh na leas-rìgh, dh'fhaodadh e brath a ghabhail air an t-suidheachadh, agus smachd a ghabhail air Alba airson a mhath fhèin.
  • Bha reat-bàis chloinne àrd aig an àm. Bha teansa math nach biodh i beò gu bhith na h-inbheach.
  • B' e nighean a bh' innte – aig an àm, bha dùil gum biodh ceannard dùthcha a' sabaid ri taobh nan saighdearan agus a' dol air an ceann sa bhlàr. Cha robhar a' faicinn gum biodh nighean cho comasach air sin a dhèanamh.
  • Bha ceist ann mu cò phòsadh i. Nam pòsadh i prionnsa à tìr chèin, dh'fhaodadh Alba tighinn fo smachd dùthaich chèin. Nam pòsadh i fear de dh'uaislean Alba, dh'fhaodadh sin aimhreit adhbhrachadh agus 's dòcha cogadh catharra.
  • Bha i a' fuireach ann an Nirribhidh.

Dh'aontaich uaislean na h-Alba:

  • Gun deigheadh leas-rìgh a chur an dreuchd gus am biodh Mairead aig aois riaghladh leatha fhèin.
  • Gun lorgadh iad fear do Mhairead airson a bhith cinnteach gun cumadh an fhuil rìoghail a' dol.
  • Gun deigheadh 'Urrasairean na Dùthcha' a chur an dreuchd gus an tigeadh Mairead agus gus am biodh leas-rìgh ann.
  • Gun toireadh na h-Urrasairean bòid dìlseachd dhan bhanrigh òg ged nach robh i an làthair.

Cha robh cùisean idir stèidheil ann an Alba, agus bha cunnart gum biodh cogadh catharra san dùthaich. Bha cuid dhe na h-uaislean ag iarraidh cumhachd dhaibh fhèin:

  • Chruinnich Raibeart Brus, seanair an rìgh ri teachd, feachd bheag agus ghlac e grunn chaistealan rìoghail. Chaidh aig na h-Urrasairean air feachd a thogail agus chuir iad fodha an t-ar-a-mach sin.
  • Chaidh Donnchadh, Iarla Fhiobha, a mhurt le fear dhe chàirdean.
  • Theab sabaid a bhith ann an ceann an ear-thuath Alba eadar dithis Urrasair Cuimeanach agus Iarla Athaill.