Geàrr-iomradh air dèanamh cho-dhùnaidhean ann an Alba

'S e deamocrasaidh a tha san Rìoghachd Aonaichte (RA). 'S e dùthaich a th' ann an deamocrasaidh anns am bi daoine a' taghadh an riaghaltais aca.

Tha cus dhaoine san RA airson am beachd fhaighneachd dhaibh, agus cus cho-dhùnaidhean ri dhèanamh, agus mar sin, tha riochdairean air an taghadh airson co-dhùnaidhean a dhèanamh. Tha riochdairean a' gabhail a-steach Buill Phàrlamaid (BP), Buill Pàrlamaid na h-Alba (BPA) agus comhairlichean ionadail.

Seach gu bheil Alba mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte, bidh cuid de cho-dhùnaidhean a thaobh dè thachras ann an Alba air an dèanamh ann am Pàrlamaid na RA ann a' Westminster, Lunnainn. Ach bho 1999, tha cuid de cho-dhùnaidhean air an dèanamh do dh'Alba ann am Pàrlamaid na h-Alba ann a' Holyrood ann an Dùn Èideann.

Carson dà phàrlamaid?

Ged a tha Alba air a bhith mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte bho 1707, chùm Alba riamh a fèin-aithne. Mar eisimpleir, tha an aon chànan agus an aon airgead ann an Alba 's a tha sa chòrr dhen RA, ach tha a siostaman lagha is foghlaim fhèin aice.

Anns an aon dòigh, faodaidh daoine à Alba a bhith nam buill de sgioba Oilimpigeach Bhreatainn, ach tha cuideachd sgiobaidhean Albannach fa leth ann am ball-coise is ann an rugbaidh. Air sgàth na fèin-aithne sin, tha mòran gam faicinn fhèin mar Albannaich agus mar Bhreatannaich.

Anns na trithead agus na ceathrad bliadhna mu dheireadh, tha barrachd iarrtais ann airson barrachd cho-dhùnaidhean mu Alba a bhith air an dèanamh ann an Alba seach ann am Pàrlamaid na RA ann an Lunnainn. Canaidh sinn fèin-riaghladh ris an t-siostam sa bheil barrachd cumhachd aig Alba gus co-dhùnaidhean a dhèanamh.

Carson a chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh?

Ann an 1997 chaidh Riaghaltas Làbarach a thaghadh san RA agus bha iad air fèin-riaghladh a ghealltainn do dh'Alba. Ach mus b' urrainn Pàrlamaid Albannach a stèidheachadh, chaidh referendum (bhòt air aon chuspair) a chumail.

Ann an 1998, bhòt a' mhòr-chuid (74%) de dh'Albannaich airson Pàrlamaid Albannach. Dà bhliadhna an dèidh sin, air 1 Iuchar 1999, dh'fhosgail Pàrlamaid na h-Alba ann a' Holyrood.