Buaidh Ualas ann an Sruighlea agus na lean

Bha Ualas agus am Moireach a-nis gam faicinn fhèin mar 'Comanndairean Armailt na h-Alba' agus ghluais iad gu buille dheireannach a thoirt an aghaidh Shasainn.

Blàr Drochaid Shruighlea

Air 11 Sultain 1297 bha Armailtean Alba an aghaidh armailt làidir à Sasainn air taobh a-muigh Shruighlea. Shuidhich Ualas agus am Moireach iad fhèin air cnoc Creag na h-Abaid.

Map a’ sealltainn far an robh feachdan Shasainn is Alba aig Blàr Drochaid Shruighlea

Bha Armailt Shasainn fo chomannd Iarla Shurrey agus Ùisdean de Cressingham. Cha robh duine dhen dithis dhen bheachd gun robh Ualas no am Moireach nan cunnart, agus bha iad an dùil na h-Albannaich a chur fodha. Cha robh na h-Albannaich idir measail air Ùisdean de Cressingham.

Anns a' bhlàr

Map a’ sealltainn gluasad feachdan Shasainn is Alba rè Blàr Drochaid Shruighlea
  1. Chuir Iarla Shurrey roimhe an drochaid a chleachdadh airson a dhol thar na h-aibhne. Ach bha Drochaid Shruighlea gu math cumhang, agus chan fhaigheadh ach beagan dhe na Sasannaich a dhol thairis aig an aon àm.
  2. Leig Ualas agus Anndra Moireach le àireamh mhòr dhe na Sasannaich a dhol thairis mus do chuir iad na h-armailtean aca fhèin a-steach.
  3. Bha na Sasannaich air an glacadh eadar Armailt Alba agus an abhainn. Bha na h-Albannaich a' cur an earbsa anns na fir-sleagha, agus mu dheireadh chaidh aca air eachraidh Shasainn a sgaradh bhon chòrr dhen fheachd aca air taobh eile na h-aibhne.
  4. Chaidh mòran dhe na Sasannaich a mharbhadh, agus chaidh mòran a bhàthadh anns an abhainn. Chaidh Ùisdean de Cressingham fhèin a mharbhadh, agus a rèir aithris, thug na h-Albannaich an craiceann dheth agus gheàrr iad e na phìosan.
  5. Theich na Sasannaich às dèidh buaidh nan Albannach.
Gràbhaladh de Bhlàr Drochaid Shruighlea ann an 1297
Blàr Drochaid Shruighlea