Sgilean èisteachd - feartan cainnt

Nuair tha thu ag èisteachd, feumaidh tu a bhith mothachail air feartan cànain.

Foirmeil no neo-fhoirmeil?

Bidh luchd-labhairt ag atharrachadh an cainnt a rèir:

  • co-theacsa
  • luchd-èisteachd
  • adhbhar.

Mar eisimpleir, bidh neach a bhios a' leughadh nan naidheachdan, no neach a bhios a' dèanamh òraid, a' cleachdadh cainnt fhoirmeil, a' seachnadh giorrachadh no ath-aithris. Ann an còmhradh buidhne, tha e dualtach nach bi an cànan cho foirmeil agus is dòcha gum bi daoine a' cur stad air a chèile.

Thoir fa-near a bheil cànan a tha foirmeil no neo-fhoirmeil air a chleachdadh, no bheilear a' cleachdadh dualchainnt. Smaoinich mu carson a tha iad a' bruidhinn ri chèile san dòigh seo.

Deugairean a' còmhradh agus ag obair aig bùird ann an rùm-sgoile
Còmhradh agus èisteachd

Dòigh-labhairt

Smaoinich mu ciamar a tha an neach-labhairt a' faireachdainn. A bheil rogha cànain agus fuaim a' ghutha a' sealltainn gu bheil cuideigin feargach, a' fulang bho bhriseadh-dùil, searbh no ri fealla-dhà?

Taghadh fhaclan

Bidh luchd-labhairt a' taghadh fhaclan airson adhbharan sònraichte. Èist gu cùramach agus smaoinich carson a tha iad a' cleachdadh fhaclan no ràdhan sònraichte. A bheil an neach-labhairt a' feuchainn ri buaidh a thoirt air an luchd-èisteachd no a' feuchainn ri tagradh tòcail (làn faireachdainn) a dhèanamh?

Innleachdan

Bidh luchd-labhairt a' cleachdadh innleachdan mar ath-aithris, uaim, fuaimealas agus ìomhaighean airson builean sònraichte a choileanadh.

  • Dè an ìre gus an deach cuid dhiubh sin a chleachdadh anns na chuala tu?
  • Dè a' bhuaidh a bha aig na h-innleachdan sin ort nuair bha thu ag èisteachd?
Move on to Test
next