Sgilean èisteachd - cuideachadh agus comhairle

Tha sgilean èisteachd coltach ri sgilean leughaidh, ged tha thu a' dèiligeadh ris an teacsa ann an dòigh eadar-dhealaichte. A thaobh èisteachd, feumaidh tu bhith comasach air na leanas:

  • tuigsinn
  • mion-sgrùdadh
  • measadh.

Feumaidh tu na leanas a shònrachadh bho na chluinneas tu:

  • adhbhar
  • luchd-èisteachd air a bheil an earrann ag amas
  • na prìomh bheachdan
  • mion-phuingean a tha a' toirt taic dha na beachdan.

Feumaidh tu cuideachd beachdachadh air buaidh a' chànain a thathar a' cleachdadh.

Is urrainn dhut do sgilean èisteachd a thoirt air adhart tro chleachdadh. Feuch ri bhith ag èisteachd ri caochladh eisimpleirean. Dh'fhaodadh tu èisteachd ri prògraman rèidio Gàidhlig, sealltainn ri còmhradh air telebhisean; dh'fhaodadh tu òraidean a shireadh air-loidhne.

Mus tòisich thu air èisteachd

Mus tòisich thu air èisteachd, faodaidh tu smaoineachadh mu:

  • Cò tha a' labhairt?
  • Sònrach an cuspair – dè na seòrsachan bheachdan ris am biodh dùil agad?
  • A bheil thu eòlach air a' chuspair?
  • Dè am fiosrachadh a tha thu ag iarraidh?
  • A bheil thu a' sireadh fhreagairtean do cheistean sònraichte?

Nuair tha thu ag èisteachd

Nuair tha thu ag èisteachd, faodaidh tu smaoineachadh mu:

  • A bheil thu a' cluinntinn nithean ris an robh dùil agad?
  • A bheil rudan ann nach eil thu a' tuigsinn?

Às dèidh dhut èisteachd

Às dèidh dhut èisteachd, faodaidh tu smaoineachadh mu:

  • Dè na prìomh phuingean a chuala tu?
  • An urrainn dhut gèarr-chunntas a dhèanamh air na prìomh phuingean?
  • An robh, no nach robh, ùidh agad sna chuala tu?
  • An do mhair d' ùidh fhad 's a bha thu ag èisteachd?
  • An urrainn dhut innse do dhaoine eile mu na chuala tu agus bruidhinn riutha mu dheidhinn? Dè a shaoil iadsan?