An t-eadar-lìon: ceistean air an earrainn a' leantainn

Seo cothrom sgilean èisteachd a leasachadh aig Àrd Ìre. Leugh na ceistean a leanas mus èist thu ris an earrainn agus, an uair sin, freagair na ceistean..

Beachdan Chaluim is Anna air an eadar-lìon

Question

8. Ainmich dà dhòigh, a rèir Anna, sa bheil an t-eadar-lìon feumail do dh'oileanaich.

Rannsachadh agus lìonmhorachd nan cuspairean.

Question

9. A' smaoineachdadh air beachdan Chaluim 's air beachdan Anna mun eadar-lìon, seall cò dhiubh as soirbheachaile (nad bheachd-sa) sna h-argamaidean a tha iad a' cur an cèill.

Beachdaich air:

  • Meud na dùrachd a tha follaiseach bho na tha iad ag ràdh.
  • A' chainnt a tha iad a' cleachdadh.
  • A bheil no nach eil an co-dhùnaidhean a rèir nan argamaid aca?
  • Cho soilleir 's a tha iad a' cur am beachdan an cèill.

Bu chòir gun tèid agad air ceistean leithid seo a fhreagairt ann an co-chòrdadh ri iarrtasan a' chèist:

  • An robh e follaiseach gun robh an dithis a' ciallachadh na bha iad ag ràdh?
  • An robh a' chainnt freagarrach? Ro shìmplidh no ro theicnigeach airson a' chuspair?
  • An robh na co-dhùnaidhean stèidhichte air na thuirt iad?
  • An robh na thuirt iad furasta/doirbh a thuigsinn?
Question

10. Foillsich an do dh'atharraich thusa do bheachdan mun eadar-lìon às dèidh dhut na thuirt Calum agus Anna a chluinntinn.

Beachdaich air:

  • Neart nam beachdan aca.
  • An robh thu ag aontachadh ri beachdan aon dhiubh co-dhiù?
  • An robh thu ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh?
  • Am bi thu a' cleachdadh an eadar-lìn nas trice a-nise air sgàth na chuala tu?

Bu chòir gun tèid agad air ceistean leithid seo a fhreagairt ann an co-chòrdadh ri iarrtasan a' chèist:

  • An robh na beachdan làidir gu leòr airson do bheachdan fhèin atharrachadh?
  • An robh beachdan Chaluim no Anna a rèir do bheachdan fhèin?
  • An robh na beachdan aca tomadach gu leòr?
  • An tug beachdan Chaluim no Anna buaidh ort a thaobh cho tric 's a chleachdas tu an t-eadar-lìon san àm ri teachd?