An t-eadar-lìon: earrann èisteachd

Èist ri Calum agus Anna a' toirt seachad am beachdan air na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan a tha an lùib a bhith a' cleachdadh an eadar-lìn. Seo cothrom sgilean èisteachd a leasachadh aig Àrd Ìre.

Leugh na ceistean a leanas mus èist thu ris an earrainn agus, an uair sin, freagair na ceistean.

Beachdan Chaluim is Anna air an eadar-lìon

An t-eadar-lìon: ceistean air an earrainn

Question

1. Dè tha a' dèanamh dragh do Chalum mun fhiosrachadh a gheibh e bhon eadar-lìon?

Nach bi a bheachdan coileanta ma bhios iad stèidhichte air an fhiosrachadh.

Question

2(a) Ainmich dà chunnart a tha Calum a' faicinn mun eadar-lìon.

2(b) Ciamar a dh'fhaodas droch bhuaidh a bhith aig an eadar-lìon air òigridh?

(a) Barrachd cothrom aig eucoirich/doirbh rudan a dhubhadh às.

(b) Ceannaircich ga chleachdadh airson am beachdan a sgaoileadh.

Triùir ghillean a' coimhead ri bhidio air coimpiutair ann an rùm-teagaisg
Triùir ghillean a' coimhead criomag bhidio air coimpiutair san sgoil

Question

3. Cò gu sònraichte air am faod an t-eadar-lìon cron a dhèanamh?

Daoine laga.

Question

4. Dè an co-dhùnadh gu bheil Calum a' tighinn?

Barrachd cron san eadar-lìon na tha ann de dh'fheum.