Clàr triceid

Bidh clàr-triceid gar cuideachadh a' cur dàta air dòigh agus ann an òrdugh. Bidh sinn glè thric a' cleachdadh shràcan cunntaidh airson ar cuideachadh a' dèanamh chlàran-triceid.

Eisimpleir

Shoe size tally, 4-1, 5-4, 6-3, 7-3, 8-8, 9-7, 10-4

Rinn tidsear sgrùdadh air meud-bròige sgoilearan ann an clas ÀS1. Tha na toraidhean gu h-ìosal:

Meud-bròige ann an clas ÀS1
9, 8, 7, 8, 9, 9, 8
7, 5, 10, 8, 8, 6, 6
10, 5, 8, 6, 6, 10, 5
8, 9, 9, 10, 10, 8, 5
7, 6, 9, 8, 5, 4, 9

Tha e gu math doirbh na toraidhean sin a leughadh. Ma chuireas sinn an dàta ann an clàr-triceid, chì sinn sa bhad cia mheud a bh' ann de gach meud.

Frequency chart. Size (4, 5, 6, 7, 8, 9, 10). Tally marks. Frequency (1, 4, 3, 3, 8, 7, 4)

A' dèanamh clàr-triceid do sheataichean-dàta

Seo an dàta airson aoisean an luchd-ceannach ann an cafaidh Bitesize.

Aoisean an luchd-ceannach taobh a-staigh uair a thìde
25, 29, 45, 19, 36, 17, 60, 51, 39, 24, 15, 13, 31, 18, 24, 32
37, 27, 23, 53, 41, 34, 29, 28, 52, 17, 55, 47, 34, 28, 22, 20
64, 39, 38, 33, 24, 16, 27, 19, 26, 27, 25, 32, 26, 48, 54, 35

Dh'fhaodamaid an dàta seo a chur ann an clàr le aon àireamh anns gach sreath, ach bhiodh tòrr shreathan ann!

Faodaidh sinn na h-aoisean a chur còmhla ann am buidhnean gus nach bi uiread de sheòrsaichean ann.

Seo an aon sheata-dàta ann am buidhnean:

Frequency chart. Age (11-20, 21-30, 31-40, 41-50, 51-60, 61-70). Tally marks. Number of people (9, 16, 12, 4, 6, 1)

Nuair a bhios tu a' taghadh bheàrnan airson nan seataichean-dàta, feuch nach bi na beàrnan ro mhòr no ro bheag.

Dh'fhaodadh tu clàr-triceid a dhèanamh leis na beàrnan gu h-àrd:

Frequency bar chart showing number of people by age
Question

Seo an dàta airson na h-ùine (chun na mionaid as fhaisge) a thug daoine a' lìonadh foirm.

Ùine (mionaidean)
23,17,15,29,22,21,20,12,19,28
18,18,22,31,13,24,23,18,17,26
25,16,24,18,16,22,33,17,24,18

Dèan clàr-triceid leis an dàta seo.

Tha am freagairt gu h-ìosal a' tòiseachadh le 11-15, 16-20, msaa. Uaireannan, bidh thu fhèin a' taghadh a' bheàirn a tha thu ag iarraidh.

Frequency chart. Time (11-15, 16-20, 21-25, 26-30, 31-35). Tally marks. Number of people (3, 12, 10, 3, 2)