Bloighean de dh'uiread

Ciamar a dh'obraicheas sinn a-mach \(\frac{3}{5}\,de\,20\)

Dòigh 1

Obraich a-mach \(\frac{1}{5}\,de\,20\), agus an uair sin iomadaich le \(3\).

\[\frac{1}{5}\,de\,20 = 20 \div 5 = 4\]

Tha sinn ag iarraidh \(\frac{3}{5}\,de\,20\), agus mar sin iomadaichidh sinn \(4\) le \(3\).

\[\frac{3}{5}\,de\,20 = 4 \times 3 = 12\]

Dòigh 2

Iomadaich \(\frac{3}{5}\) le \(20\).

\[\frac{3}{5} \times 20 = \frac{3}{5} \times \frac{{20}}{1} = \frac{{60}}{5} = 12\]

Feuch a-nis a' cheist seo.

Question

Cleachd aon dòigh agus obraich a-mach \(\frac{3}{7}\,de\,35\).

'S e am freagairt \(15\).

Le Dòigh 1: \(\frac{1}{7}\,de\,35 = 5\), agus \(3 \times 5 = 15\).