Iomadachadh

Gus 237 iomadachadh le 4 gun àireamhair, faodaidh tu a sheatadh a-mach mar seo:

Diagram of a multiplication sum.

( 4 \times 7 = 28) Cuir 8 ann an àite nan aonadan agus thoir leat 2.

Diagram of a multiplication sum.

( 4\times 3 = 12 agus an uair sin cuir-ris 2 is gheibh thu 14) Cuir 4 ann an àite nan deichean agus thoir leat 1.

Diagram of a multiplication sum.

( 4 \times 2 = 8 agus an uair sin cuir-ris 1 is gheibh thu 9). Cuir 9 ann an àite nan ceudan.

Mar sin 237 \times 4 = 948

Ag iomadachadh le àireamh slàn dà-fhigear

Gus 237 iomadachadh le 24 gun àireamhair, faodaidh tu a sheatadh a-mach mar seo:

Diagram of a multiplication sum.

Bidh thu a' dèanamh a' chiad loidhne dhen obrachadh san aon dòigh ri bhith ag iomadachadh le àireamh aon-fhigear.

San dara loidhne tha sinn ag iomadachadh le 20 (dà dheich). Bhon a tha sinn ag iomadachadh le deichean, 's e daonnan neoni a bhios ann am figear an aonaid.

Diagram of a multiplication sum.

Ann an dòigh coltach ris an obrachadh gu h-àrd: 2 \times  7 = 14. Cuir 4 ann an colbh nan deichean agus thoir leat 1 gu colbh nan ceudan.

2 \times 3 = 6: cuir-ris an 1 a thug thu leat agus gheibh thu 7 agus cuir seo ann an colbh nan ceudan.

2 \times 3 = 6: cuir-ris an 1 a thug thu leat agus gheibh thu 7 agus cuir seo ann an colbh nan ceudan.

2 \times 2 = 4: cha tug thu leat dad agus mar sin cuir 4 ann an colbh nam mìltean.

Diagram of a multiplication sum.

Cuir-ris 948 agus 4740.

Mar sin 237 \times 24 = 5\,668