Feartan bleith cladaich

Pròiseasan bleith a bhios a' cruthachadh bhearraidhean, rubhannan agus bàigh

Bearraidhean

Bearradh a' bleithBearradh a' bleith
  • 'S àbhaist gum bi bearraidhean air an cruthachadh far a bheil creagan a tha làidir agus neo-dhrùidhteach, mar clach-aoil agus cailc.
  • Bidh bleith nan tonn nas motha far a bheil tuinn mhòra a' bualadh air bonn a' bhearraidh.
  • Thèid eag gearradh-tuinn a chruthachadh nuair a thèid bonn a' bhearraidh a ghearradh le cumhachd bleith na mara air sgàth obair haidreolaig, caitheamh ceimigeach agus bualadh.
  • Mar a bhios bleith a' leantainn air adhart, bidh an eag a' fàs nas motha agus nas motha.
  • Mu dheireadh, cha bhi stèidh aig a' bhearradh agus tuitidh e dhan mhuir.
  • Thèid am bearradh air ais agus fàgaidh e leac gearradh-tuinn a chithear nuair a bhios muir-tràigh ann.
Bearraidhean cailc agus creagan Old Harry ann an Dorset, Sasainn
Bearraidhean cailc agus creagan Old Harry ann an Dorset, Sasainn

Rubhannan agus bàigh

Rubha agus B‡ghMar a tha rubhannan agus bàigh gan cruthachadh
  • Tha rubhannan agus bàigh air an cruthachadh air sgàth bleith roghnach, (bleith dhiofarail) far a bheil creagan ris a' chladach air an cruthachadh ann an sreathan mu seach de dhiofar sheòrsachan chreagan, me clach-ghainmhich agus crèadh, agus a bhios a' coinneachadh ris a' chladach aig ceàrn cheart.
  • Tha crèadh nas buige na clach-ghainmhich agus bidh i a' bleith nas luaithe. Bidh na creagan as buige mar sin a' bleith an comhair an cùil nas luaithe agus bidh bàigh fhasgach air an cruthachadh (agus 's dòcha gum bi tràghannan ann).
  • Chan eil na sgìrean le clach-ghainmhich, a tha nas cruaidhe, cho buailteach do bhleith. Bidh iad a' stobadh a-mach dhan mhuir agus a' cruthachadh rubhannan fosgailte.
Sealladh den bhaile-turasachd costail, Swanage
Sealladh den bhaile-turasachd costail, Swanage