A' sgrìobhadh coimeas ann an riochd cho-mheas

Eisimpleir

Còig coin agus dà chat de dhiofar sheòrsa

Tha 2 chat agus 5 coin aig tuathanach. Sgrìobh co-mheas nan cat ri coin agus co-mheas nan con ri cait.

Cait : Coin = 2 : 5

Coin : Cait = 5 : 2

Feuch a-nis a' cheist seo.

Question

Tha 85 caoraich agus 15 mart cuideachd aig an tuathanach. Sgrìobh co-mheas nam mart ri caoraich san riochd as sìmplidhe.

mairt : caoraich = 15 : 85

Gabhaidh 15 agus 85 a roinn le 5

\frac{{15}}{5} = 3

\frac{{85}}{5} = 17

Mar sin 15 : 85 = 3 : 17

Tha co-mheas air a chleachdadh gus dà uiread, a tha san aon aonad, a choimeas.