Adhbharan airson eucoir

A rèir faclair Oxford, 's e th' ann an eucoir: "An action or omission which constitutes an offence and is punishable by law."

Tha na h-adhbharan airson eucoir iomadh-fhillte agus toinnte. San latha an-diugh, tha a' mhòr-chuid de dhaoine a' gabhail ris gu bheil bochdainn, droch thogail, cion fèin-mhisneachd, deoch-làidir agus drogaichean uile nan adhbharan airson eucoir. Tha cuid de dhaoine nas buailtiche a bhith an sàs ann an eucoir, dìreach air sàillibh an seòrsa teaghlaich agus coimhearsnachd anns a bheil iad a' fuireach.

Ìomhaigh a’ sealltainn staitistig air na tha eucoirean ceangailte ri deoch-làidir agus drogaichean a’ cosg do eaconamaidh na h-Alba

Tha cuid de dhaoine a' cur dleastanas air an neach fhèin airson dèanamh cinnteach nach eil iad a' briseadh an lagha. Tha iad ag ràdh nach eil an seòrsa teaghlaich no coimhearsnachd anns a bheil iad a' tighinn beò na leisgeul airson a bhith a' briseadh an lagha. Tha iad a' creidsinn gu bheil na daoine a tha ri eucoir a' taghadh a bhith ga dhèanamh. 'S e individualists a chanas sinn ri daoine a tha den bheachd seo.

Air an làimh eile, tha collectivists dhen bheachd nach eil ar comann-sòisealta co-ionann agus gu bheil cuid de dhaoine nas buailtiche a bhith a' dol an sàs ann an eucoir. Dh'fhaodadh nach e an neach fhèin gu tur as coireach airson seo ach an teaghlach no an caraidean.

Tha na riaghaltasan a tha air a bhith againn o chionn ghoirid, aig ìre na RA agus ann an Alba a' gabhail ris gu bheil iomadh adhbhar air cùl eucoir. Ach, tha iad dhen bheachd gum feumar duine sam bith a bhriseas an lagh uallach na rinn iad a ghabhail. 'S e obair an riaghaltais a th' ann a bhith a' dèiligeadh ri eucoir; an dà chuid na h-adhbharan airson eucoir agus na daoine a bhios a' briseadh an lagha.