1. Gus an tràth teachdail a chruthachadh airson ghnìomhairean anns a bheil an fhuaimreag mu dheireadh leathann (a, o, u) - mar eisimpleir, gabh - cuir -aidh an dèidh an fhreumh, gabh gu gabhaidh.
2. Gus an tràth teachdail a chruthachadh airson ghnìomhairean anns a bheil an fhuaimreag mu dheireadh caol (e, i) - mar eisimpleir, coisich - cuir -idh an dèidh an fhreumh, coisich gu coisichidh.
Freumh | An tràth teachdail |
---|---|
gabh | gabhaidh |
pòs | pòsaidh |
tog | togaidh |
òl | òlaidh |
cuir | cuiridh |
dùin | dùinidh |
mill | millidh |
suidh | suidhidh |