Tuathanachas ann an dùthchannan fo leasachadh

Biadh le atharrachadh ginteil (GM)

Chaidh sìol High Yield Variety (HYV) a dhèanamh le luchd-saidheans gus am biodh barrachd bìdh ann, agus gus nach biodh uiread de ghort ann an dùthchannan fo leasachadh. Bheir an sìol 'mìorbhaileach' HYV seo dhuinn a shia uiread de bhàrr na bheir sìol àbhaisteach san aon phìos de thalamh. Chì thu buannachdan agus eas-bhuannachdan nan HYVs sa chlàr:

Buannachdan agus eas-bhuannachdan nan HYVs
BuannachdanEas-bhuannachdan
Bàs leis an acras agus gort air lùghdachadhFeumaidh bàrr HYV tòrr todhair is puinnsean phlàighean mus fàs iad agus tha sin a' cur ri cosgaisean agus truailleadh
Chan eil bàrr HYV cho àrd agus cuiridh iad suas nas fheàrr ri gaoth agus uisge mòrFeumaidh bàrr HYV barrachd uisge gu cunbhalach – barrachd cosgais ann an uisgeachadh
Tha barrachd bìdh ga fhàs air pìos dhen talamh agus tha barrachd prothaid aig na tuathanaichChan urrainn dha na tuathanaich as bochda sìol HYV a cheannach agus chan eil e na bhuannachd dhaibh

Bith-chonnaidhean

Tha bith-chonnadh a' ciallachadh connadh sam bith a chaidh a dhèanamh bho nithean beò no bho sgudal. Tha bith-chonnadh nas fheàrr dhan àrainneachd, nan stòras nas seasmhaiche agus tha iad nas saoire na bhith a' cleachdadh connadh fosail. Anns na h-Innseachan, bidh iad a' fàs agus a' pròiseasadh sìol Jatropha anns a bheil tòrr ola (40%). Faodar an ola a chleachdadh cho luath 's a gheibhear i oir chan fheumar a fìneadh. Bidh an ola (bith-dhìosail) ga cleachdadh mar chumhachd airson gineadairean agus einnseanan dìosail ann an nithean mar tractaran.

Buannachdan agus eas-bhuannachdan nam bith-chonnaidhean
BuannachdanEas-bhuannachdan
Bidh an lus a' fàs air iomall-thalamh tioram nach eilear a' cleachdadh airson tuathanachas. Mar sin chan eil talamh prìseil tuathanachais ga chall ann a bhith a' dèanamh bith-chonnadh sna h-InnseachanFaodaidh lùth a th' air a chleachdadh gus bàrr fhàs agus a phròiseasadh an àrainneachd a mhilleadh, me bidh tractaran a tha a' losgadh dìosail a' dèanamh truailleadh èadhair nas miosa
Tha iad nas saoire na connadh fosail, a tha daor agus a tha a' truailleadh na h-àrainneachdTha bith-chonnadh mar ethanol a' dèanamh barrachd meirgidh na peatrail no dìosail, agus chan urrainnear a chleachdadh ann am plèanaichean no ann am bàtaichean
Tha fàs nan lusan a' toirt obair do dhaoineChan eil gnìomhachasan deònach cus airgid a chur a dh'ionnsaigh leasachadh bith-chonnaidhean fhad 's a tha connadh fosail fhathast ri fhaotainn
Chan fheumar craobhan a leagail airson connadh agus bidh iad a' dìon an talaimh bho bhleith'S dòcha nach bi bith-chonnadh math dhan eaconamaidh, an taca ri connadh fosail, oir chan eil fios air mòran mu dheidhinn

Atharrachaidhean san dealbh-tìre dhùthchail

Ath-leasachadh talaimh

Mar phàirt dhen atharrachadh uaine, thachair ath-leasachadh talaimh. Bha sin a' ciallachadh gun deach achannan beaga a chur còmhla airson gum biodh rùm gu leòr annta do thractaran, agus cuideachd airson gum biodh e na b' fhasa do thuathanaich an talamh obrachadh. Mar sin, tha achannan air fàs nas motha. Tha uchdan fhathast gan dèanamh air cliathaichean nam beanntan agus gan àiteach, oir tha talamh na ghoireas prìseil.

Bun-structar

Thàinig piseach air rathaidean agus air an rèile airson bàrr a chur gu luath gu margaidean agus cuideachd airson innealan tuathanachais a thoirt dhan sgìre agus an gluasad air feadh na sgìre. Chaidh rathaidean a thogail eadar prìomh bhailtean agus mòr-bhailtean agus inbhe feadhainn a bh' ann mar-thà a leasachadh.

Structar cosnaidh agus imrich

Tha a' mhòr-chuid dhen t-sluagh ag obair ann an tuathanachas, ach chan eil uiread de dh'obraichean ann air sgàth innealan. Tha an sgìre seo a-nis na sgìre le mach-imrich – tha mòran dhaoine a' falbh às na sgìrean dùthchail airson obair a lorg ann am bailtean nas motha mar Patna agus Kolkatta (Calcutta).

Move on to Test
next