Atharrachaidhean san dealbh-tìre dhùthchail

Dùthchannan fo leasachadh

Bochdainn anns na h-Innseachan

Tha iomadh atharrachadh air tighinn air dòighean tuathanachais o chionn beagan bhliadhnaichean ann an dùthchannan fo leasachadh mar na h-Innseachan. Chì thu iad sin san diagram.

Leasachaidhean ˘ra ann an tuathanachasLeasachaidhean ùra ann an tuathanachas

Cuspair sgrùdaidh air Srath Ìochdrach a' Ghanges sna h-Innseachan

Tuathanach rus ann am Bangladeis
Tuathanach rus ann am Bangladeis

Tha a' ghnàth-shìde bhlàth, fhliuch fìor mhath airson tuathanachas-rus bith-beò sna h-Innseachan. Tha tuathanachas bith-beò a' ciallachadh nach eil biadh ga fhàs ach airson teaghlach a bheathachadh agus chan eil còrr ann a thèid a reic airson prothaid. Tha na h-achannan beag, mu 1 heactair san àbhaist (meud raon ball-coise) agus bidh e air a roinneadh na 15 iomairean. Chan eil mòran innealan air an cleachdadh oir chan eil airgead gu leòr aig na tuathanaich airson uidheamachd dhaor, ùr-nodha a cheannach. Mar sin bidh iad a' cleachdadh buabhall-uisge airson na h-achannan a threabhadh, agus bidh iad a' buain a' bhàrr len làmhan. Seach gum feum uisge a bhith aig an rus fad na h-ùine, bidh na h-achannan glè thric ri taobh uisge me Abhainn Ghanges.

Thug leasachaidhean àiteachais piseach mhòr air tuathanachas ann an dùthchannan fo leasachadh mar na h-Innseachan. Coimheadaidh sinn air gach leasachadh ùr agus bruidhnidh sinn mun bhuaidh a bha aige air an dealbh-tìre dhùthchail.

Buaidh teicneòlas ùr

Dh'adhbharaich atharrachaidhean ann am poileasaidh tuathanachas gu bheil fada a bharrachd bìdh ga dhèanamh sna h-Innseachan oir tha an àireamh-sluaigh sna h-Innseachan a' dol suas cho luath agus tha barrachd dhaoine a' cur feum air biadh. Bha an t-Atharrachadh Uaine a' ciallachadh gun do thòisich iad a' cleachdadh tharactaran, sianailean uisgeachaidh, todhar ceimigeach agus puinnsean phlàighean. Thug teicneòlas ùr airson tuathanachas deagh bhuaidh agus droch bhuaidh air na sgìrean dùthchail:

An deagh/droch bhuaidh aig teicneòlas ùr
Deagh bhuaidhDroch bhuaidh
Sianailean uisgeachaidh a' ciallachadh buain 2 - 3 thursan sa bhliadhna an àite 1 air sgàth uisgeachadh cunbhalachTalamh ga chleachdadh fad na h-ùine agus an ùir a' sìor fhàs bochd thar ùine
Barrachd bàrr a' ciallachadh barrachd prothaid do chuid de thuathanaichChan urrainn do na tuathanaich as bochda farpais a dhèanamh oir cha tèid aca air uiread de bhàrr fhàs gun uisgeachadh
Thèid aig cuid de thuathanaich air diofar sheòrsachan bàrr fhàs airson airgead agus barrachd prothaid a dhèanamhChan urrainn do na tuathanaich as bochda ceimigich no innealan a cheannach, agus mar sin, chan eil buannachd ann an teicneòlas ùr dhaibh
Chan eil an obair cho cruaidh air daoine air sgàth barrachd innealanChan eil uiread de dh'obraichean ann oir tha tractaran a' ciallachadh barrachd cion-cosnaidh
Leis gu bheil feum air barrachd cheimigich is innealan, chaidh gnìomhachasan agus obraichean ùra a chruthachadh, me meacanaigean airson tractaran a chàradhTha e daor innealan a cheannach agus a chàradh. Gheibhear thairis air an seo le co-chomainn far a bheil tuathanaich a' roinn nan innealan eatarra
Piseach air inbhe beòshlaint oir tha airgead aig cuid de thuathanaich airson bathar a cheannachTha mòran de theaghlaichean bochda fhathast ann am fìor bhochdainn oir chan eil airgead aca airson teicneòlas ùr