Atharrachaidhean san dealbh-tìre dhùthchail

Crìonadh-sluaigh

Tha crìonadh-sluaigh na dhuilgheadas mòr ann an sgìrean dùthchail oir chan eil uiread de dh'obraichean ann air sgàth barrachd innealan a bhith gan cleachdadh. Seach gur e àiteachas am prìomh ghnìomhachas ann an sgìrean dùthchail, feumaidh daoine fàgail airson a dhol a lorg obair. Mar thoradh air an sin, tha an sluagh nas sine (barrachd sheann daoine na òigridh) agus 's dòcha gum feum sgoiltean dùnadh air sgàth nach eil uiread de sgoilearan ann, agus tha sin a' ciallachadh gu bheil barrachd obraichean gan call. Seach nach eil uiread de dh'airgead san sgìre, dh'fhaodadh gum biodh droch bhuaidh aig an sin air bùithtean agus air seirbheisean eile agus gum feum iadsan dùnadh cuideachd.

Barrachd is barrachd, tha mòran dhe na taighean ann an coimhearsnachdan dùthchail air an ceannach mar dhara dachaigh, no airson nan saor-làithean, le daoine a tha a' fuireach anns na bailtean. Tha sin a' ciallachadh gu bheil e doirbh do mhuinntir an àite, gu h-àraidh feadhainn a tha a' ceannach airson a' chiad turas, taighean a cheannach san sgìre aca fhèin agus uaireannan feumaidh iad gluasad air falbh. Tha sin a' toirt buaidh air seirbheisean oir chan eil na daoine dom buin na taighean a' fuireach annta a h-uile latha. Mar sin tha na taighean falamh agus chan eil seirbheisean air an cleachdadh.

Leagail challaidean

Airson achannan na bu mhotha a dhèanamh do dh'innealan mòra, chaidh na callaidean a bha a' sgaradh achannan a leagail. Bha deagh bhuaidh agus droch bhuaidh aig an sin:

Na buannachdan agus eas-bhuannachdan an cois leagail challaidean
Deagh bhuaidhDroch bhuaidh
Achannan nas motha a' ciallachadh barrachd rùm airson barrachd bàrr fhàsTha call challaidean a' ciallachadh call àrainn bheathaichean, agus tha sin a' ciallachadh call bith-iomadachd
Barrachd bàrr a' ciallachadh barrachd prothaid dhan tuathanachAm fasgadh, a bha a' dìon a' bhàrr bhon ghaoith, ga chall le call nan callaidean
Innealan nas motha a' dèanamh obair nas luaithe agus nas èifeachdaicheDroch bhuaidh air seallaidhean nàdarra
Bidh an tuathanach a' sàbhaladh airgead oir chan fheum e cosg air callaidean a chumail suasBarrachd bleith ùire oir bidh freumhaichean na callaid a' ceangal na h-ùire agus ga cumail na h-àite